"An robh sibh trang an-diugh?"

Bidh soidhnichean air na tagsaidhean a bhios ag innse dè cho math 's a tha Gàidhlig an draibheir
- Air fhoillseachadh
Thathar a' moladh sgeama pìleat a bhrosnaicheas draibhearan tagsaidh agus an luchd-siubhail aca a bhith a' còmhradh sa Ghàidhlig ann an Leòdhas agus sna Hearadh.
Tha aithisg bho Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad an dòchas gun cuidich e gus cleachdadh na Gàidhlig "àbhaisteachadh sa choimhearsnachd".
Bidh Comataidh na Gàidhlig a' beachdachadh air an aithisg Diciadain.
Thathar a' moladh gum bi soidhnichean aig draibhearan tagsaidh a ghabhas pàirt sa sgeama a tha ag innse dè cho math 's a tha an cuid Ghàidhlig - eadar "Tha Gàidhlig gu leòr agam" agus "Tha beagan Gàidhlig agam".
Bidh an sluagh-ghairm "Cleachd i no caill i!" cuideachd follaiseach air na carbadan aca.
Cluinnidh comhairlichean gu bheil gu leòr dhraibhearan le Gàidhlig sna h-eileanan, agus gu bheil iad gu ìre mhòr a' cur fàilte air an sgeama.
Ma shoirbhicheas leis, tha an aithisg ag ràdh gun tèid an sgeama a leudachadh air feadh nan Eilean Siar.