Bun-tuarastal do luchd-ealain - an obraich e an Alba?

Choirstaidh NicArtair
  • Air fhoillseachadh

Ma dh'fhaighnicheas tu de Choirstaidh NicArtair dè bhios i a' dèanamh airson obair, canaidh i riut "'s e tè-ealain a th' annam".

An ceann diog no dhà eile, canaidh i - "agus gu leòr eile".

Coltach ris na h-uimhir de dhaoine chruthachail a tha ag obair air an cinn fhèin, bidh Choirstaidh, 29, a tha stèidhichte ann an Glaschu, a' riasladh ris na bhios i a' dèanamh de ealain lèirsinnich agus obraichean eile airson beò-shlàint a dhèanamh - eadar a bhith a' ruith bhùithdean-obrach ealain agus obair an-dràsta 's a-rithist ann an roinn na h-aoigheachd.

"Tha mi cho faisg air a' chlaoidh - fad na h-ùine," thuirt i.

Tha aonaidhean ciùird agus eòlaichean a' sìor thoirt rabhaidh gu bheil mòran a' strì gus beò-shlàint a dhèanamh ann an roinn na h-ealain le pàigheadh ìosal, gainnead obrach agus cosgais mhòr a' bhith-beò.

'S e aon fhuasgladh ris a bheileas a' coimhead an-dràsta an Alba, gum bi an riaghaltas a' pàigheadh luchd-ealain gu dìreach - bun-tuarastal dha na h-ealain.

'S ann à Èirinn a thàinig an smuain, far an deach sgeama pìleat a dhèanamh maireannach o chionn ghoirid, fo am faigh cuid de luchd-ealain is luchd-ciùil €1,300 gach mìos, gun deuchainn neo dleastanas na chois.

Tha àrd-luchd-ealain agus luchd-ciùil an Alba - am Bàrd Nàiseanta agus stiùiriche Celtic Connections nam measg - ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba sgeama coltach ris a thoirt a-steach - gus "fàsach chultarail" a sheachnadh.

Thuirt Rùnaire a' Chultair, Aonghas Robasdan, gu bheil e "a' coimhead ris".

Cùis-fharmaid an t-saoghail

Brían Ó Súilleabháin
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an cleasaiche Èireannach Brían Ó Súilleabháin ag ràdh gu bheil "buannachd fhollaiseach" an lùib bun-tuarastail do luchd-ealain

Chuir Èirinn sgeama pìleit "Bun-tuarastal dha na h-Ealain" an sàs an dèidh Chovid-19 ann an 2022.

Chaidh 2,000 de luchd-ealain - eadar ceòladairean, peantairean, luchd-comadaidh, bàird agus eile - a thaghadh le crannchur airson pàirt a ghabhail anns an deuchainn mhaoineachaidh.

Chuir Brían Ó Súileabháin a chùl ri obair là nuair a chuala e gun robh esan air fear den dream a shoirbhich 's cothrom aige a-niste fòcas a chur air obair chleasachd.

"Dh'atharraich e mo bheatha," thuirt e.

"Às aonais a' bhun-tuarastail bha agam ri dhol air ais dha m' obair là, ach leis, cha robh agam ri sin a dhèanamh.

"Bha car de chuisean shàbhailteachd agam air am faodainn tighinn beò gus an tigeadh an ath chosnadh san rathad. Agus gu dearbha, thàinig."

Dhan t-Súileabhánach, tha "buannachd fhollaiseach" an lùib a bhith a' cur earbsa ann an luchd-ealain le pàigheadh dìreach - buannachd a tha e an dòchas a chuireas às de bhacadh a tha mu choinneimh feadhainn nas òige 's nas bochda a dhol an sàs anns na h-ealain.

"Dè is toil le neach-ealain a dhèanamh?"

"'S toil leotha ealain a dhèanamh. Ma bheir thu airgead do neach-ealain, nì iad ealain."

Bhathas a' meas na sgeama soirbheachail 's chaidh a stèidheachadh gu maireannach.

Dh'fhoillsich ministear cultarail na h-Èireann an naidheachd san Dàmhair 2025, ag innse gur e "cùis-fharmaid an t-saoghail" a bh' ann.

Patrick O'Donovan
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Patrick O'Donovan gur e "cùis-fharmaid an t-saoghail" a bh' anns an sgeama

Tha e cudromach do dh'fhèin-aithne nàiseanta na h-Èireann a bhith a' cumail taic ri cultar, tha Patrick O'Donovan ag ràdh.

"Tha e coltach ri foghlam, tha e coltach ri slàinte, tha e coltach ri dìon sòisealta no ceartas no lìonadh tuill san rathad.

"Tha fhios againn gum faigh sinn rud air ais le bhith a' cur airgid an sàs sna h-ealain."

Fhuair measaidhean a rinn Riaghaltas na h-Èireann air an sgeama a chosg mu €100m gun d' fhuaireas air ais €1.39 dhan eaconomaidh san fharsainneachd airson gach €1 a chaidh a chosg, tro bhuaidh leantainneach na sgeama agus cìsean.

Le dùil gun tòisich an sgeama mhaireannach nas fhaide de 2026, tha ceistean gan togail às ùr mu na thachras dhan 2,000 neach a bha an sàs sa phìleat - leithid an t-Súileabhánaich - nuair a thig sin gu ceann.

Ach, ged a chaidh an sgeama a dhèanamh maireannach, chan eil Riaghaltas na h-Èireann an dùil a leudachadh mòran a' chiad ghreis.

"Cha do thogadh an Ròimh ann an aon là," thuirt O'Donovan riuthasan a cheasnaicheadh sin.

Cultar na h-Alba aig crois-rathaid?

Pàdraig MaAoidh
Fo-thiotal an deilbh,

Bàrd Nàiseanta na h-Alba, Pàdraig MacAoidh, a tha a' cur taic ri sgeama bun-tuarastail dha na h-ealain

Tha Bàrd Nàiseanta na h-Alba, Pàdraig MacAoidh, gu math eòlach air Èirinn. 'S ann an sin a thòisich e mar sgrìobhadair.

Tha esan am measg an fheadhainn a tha ag iarraidh bun-tuarastail dha na h-ealain an seo.

"Bu chòir a feuchainn an Alba," thuirt e.

"Saoilidh mi gun cuir e gu mòr ri beatha chultarail na dùthcha ann an dòighean nach tuig sinn an-dràsta.

"Bidh rudan ùra air an telebhisean, rudan ùra air an rèidio, air na h-àrd-ùrlaran, bidh nobhailean ùra air na sgeilpichean."

Tha Pàdraig ag aithneachadh gu bheil cuid ann a cheasnaicheas co-dhiù b' e cleachdadh ciallach de dh'airgead a bh' ann leis an sporan phoblach cho gann. Ach tha an cothrom nas cudromaiche na an cunnart, tha e ag ràdh.

"Mura bi an taic seo againn dha na h-ealain, bidh e glè ghlè dhoirbh do mhòran dhaoine fiù 's beachdachadh gum faodadh iad a bhith ri obair-ealain," thuirt e.

"Cha bhi cothrom aca beò-shlàint a dhèanamh san dòigh sin. Dh'fhaodadh nach smaoinich iad, nuair a tha iad òg, 'dh'fhaodainn a bhith nam sgrìobhadair, dh'fhaodainn a bhith nam cheòladair proifeiseanta' - agus caillidh sinn tòrr den chultar againn.

"Caillidh sinn guthan ùra agus dòighean ùra smaoineachaidh. Bidh an cultar againn air fad a' crìonadh."

Dòmhnall Seathach
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Dòmhnall Seathach Stiùiriche Cruthachail fèis chiùil Celtic Connections

Tha am fear a th' air cùlaibh fèis chiùil Celtic Connections cuideachd a' toirt rabhaidh gum faodadh cultar na h-Alba a dhol na "fhàsaich thioraim" mura dèanar barrachd.

Tha Dòmhnall Seathach a' faireachdainn gu bheil Alba a' tighinn a dh'ionnsaigh "crois-rathaid".

"Saoilidh mise gu bheil sinn aig ìre far a bheil e nas duilghe 's nas duilghe do cheòladairean dòigh a lorg, gu h-àraid nan òige, far am faighnich iad 'an urrainn dhomh creidsinn annam fhèin mar cheòladair' agus 'an urrainn dhomh beò-shlàint a dhèanamh mar sin 's a bhith aithnichte - no am feum mi obair a ghabhail an seo a leigeas leam na cosgaisean agam a phàigheadh'," thuirt e.

Mhol e modal maoineachaidh nas sìmplidhe, 's nas dìriche.

"Bun-tuarastal. Chuidicheadh sin."

An gabhadh e dèanamh an Alba?

Rùnaire a' Chultair, Aonghas RobasdanTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Rùnaire a' Chultair, Aonghas Robasdan, "a' coimhead ri" mar a dh'fhaodadh bun-tuarastal do na h-ealain obrachadh an Alba

Ann an Alba, 's ann tro bhuidhnean ealain as motha a tha maoineachadh cultarail ga chur.

Ach tha dòigh nas fharsainne fo sgrùdadh aig Riaghaltas na h-Alba.

Tha seo an dèidh mar a lorg aithisg neo-eisimeileach mun bhuidhinn mhaoineachaidh Alba Chruthachail gu bheil càineadh ga dhèanamh am measg luchd-ealain air a' mhodal mhaoineachaidh 'sileadh sìos' bho riaghaltas gu buidhnean gu luchd-ealain.

Tha an aithisg sin cuideachd a' togail air taic a th' ann do sgeama leithid na th' ann an Èirinn. Mhol buidheann-ghnìomha fa leth a stèidhich Riaghaltas na h-Alba cuideachd gun gabhte ceumannan a dh'ionnsaigh leithid de sgeama an Alba.

Tha buidheann riochdachaidh nan aonaidhean ciùird, an STUC, cuideachd ga h-iarraidh.

Chuir Riaghaltas na h-Alba £34m a bharrachd ri maoineachadh chultarail sa bhuidseat mu dheireadh, 's iad ag obair a dh'ionnsaigh targaid gun cosg iad £100m sa bhliadhna a bharrachd air roinn a' chultair ron bhliadhna 2029.

Ach tha guthan gan togail ag iarraidh modail ùir.

"Tha tuigse ghlè mhath ann gu bheil dùbhlan sònraichte mu choinneimh dhaoine a tha ag obair air an cinn fhèin ann an roinn a' chultair is na h-ealain," thuirt Rùnaire a' Chultair, Aonghas Robasdan.

"Tha fhios againn gu bheil seo na thrioblaid."

Tha Mgr Robasdan ag ràdh gum feumar obair a dhèanamh feuch tuigse fhaighinn air mar a dh'obraicheadh leithid de sgeama bun-tuarastail an lùib siostam cìse is sochairean na h-Alba.

Ach gheall e le dealas coimhead ri bhith a' dèanamh na tha ga dhèanamh an Èirinn.

"Ma tha e air obrachadh an sin, ma nì e diofar an sin, agus ma tha a bhuile aige - gu cultarail agus gu h-eaconomach," thuirt Mgr Robasdan.

"'S ann mu dhaoine a bhith a' dèanamh a' chuid as fheàrr de an cuid thàlant chruthachail a tha seo, agus tha buannachd às an sin don dùthaich a thaobh ionmhais agus ann an dòighean eile.

"Ma dh'obraicheas e an sin [ann an Èirinn] bu chòir dhuinn gun teagamh coimhead ris an seo."

Eòrpa: Bun-tuarastal do luchd-ealain

Tha Ailean Peutan a' coimhead air moladh gum bu chòir bun-tuarastal do luchd-ealain a stèidheachadh ann an Alba.

Ach bheir an taghadh sa Chèitean buaidh air co-dhùnaidhean mòra a thaobh poileasaidh chultair.

Tha Choirstaidh NicArtair an dòchas gun leudaicheadh sgeama bun-tuarastail saoghal a' chultair anns a' bhaile aice.

"Tha peantairean agus luchd-fiolma as fheàrr ann an Glaschu stucte ag obair ann an taigh-seinnse air a' phàigheadh as ìsle," thuirt i.

"Cha bhiodh ann ach buannachd dhan a h-uile duine, nam biodh cothrom aig barrachd dhaoine air obair chruthachail."

Tha Dòmhnall Seathach ag aontachadh.

"Feumar smaoineachadh air mar an t-sìol a tha ga chur agus an dìthean a chinneas sna bliadhnaichean ri teachd," thuirt e.

"Chan e an dìthean a-mhàin, ach a' choille, dha-rìribh.

"Bhiodh barrachd dhaoine ag obair anns na h-ealain agus ann an saoghal a' chiùil traidiseanta."