"Tha mi air roghnachadh gun a bhith ag obair còmhla ri cuideigin oir tha fiosam nach eil iad sàbhailte"

Josie Duncan
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Josie Duncan air a bhith an sàs ann an ceòl traidiseanta bhon a bha i gu math òg

  • Air fhoillseachadh

Do Josie Duncan 's e coimhearsnachd air leth dlùth a tha ann an saoghal a' chiùil thraidiseanta.

"Teaghlach" fiu 's, tha i ag ràdh, far a bheil daoine a' coimhead a-mach 'son càch a chèile.

Tha Josie, à Leòdhas bho thùs, air a bhith an sàs ann bhon a bha i beag is i air a bhith stèidhichte ann an Glaschu fad grunn bhliadhnaichean a-nise.

"Faodaidh tu coiseachd a-steach gu cuirm no seisean sam bith is bidh fios agad gum faic thu caraidean. 'S e rud sònraichte a tha sin," thuirt i rium.

Ach a dh'aindeoin cho faisg 's a tha a' choimhearsnachd, tha Josie ag ràdh gu bheil i air obair gu math tarraingeach a dhiùltadh - oir cha robh i a' faireachdainn gum biodh i sàbhailte ag obair còmhla ri cuid eile a bha an sàs ann.

"Uaireannan 's e cothroman air leth a bh' annta ach tha mi air roghnachadh gun a bhith ag obair còmhla ri cuideigin oir tha fiosam nach eil iad sàbhailte".

Chan eil e mar sin na iongnadh idir do Josie gu bheilear a' bruidhinn às ùr mu na dùbhlain a tha mu choinneimh bhoireannach ann an saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba.

A rèir rannsachaidh ùir bho Oilthigh Ghlaschu, tha 81% de luchd-ciùil bhoireann ann an saoghal ceòl tradiseanta na h-Alba ag ràdh gu bheil iad air ionnsaighean no sàrachadh feiseil fhulang.

Ghabh 409 boireannach pàirt.

Thuirt a' mhòr-chuid dhuibh, cha mhòr trì chairteal, gur e luchd-ciùil eile a bha ris an droch dhìol nan aghaidh.

'S e gun deach rudan feiseil a ràdh riutha an rud a bu chumanta a bh' air a chlàradh, le trì chairteal ag ràdh gun do thachair sin dhaibh.

Chlàr còrr 's leth "unsolicited sexual advances" agus thuirt beagan is 40% gun deach beantainn dhaibh ann an dòigh fheiseil an aghaidh an toil.

'S e 17% a thuirt gun deach an èigneachadh.

Nochd e cuideachd gu bheil faireachdainn ann gur e cluba bhalach a th' ann an saoghal ceòl tradiseanta na h-Alba agus gu bheil seo a' cur cuideim air boireannaich gabhail ri dol a-mach mì-iomchaidh is eile.

Tha leisg air cuid an guthan a thogail mun seo a rèir na h-aithisg - gun fhios nach caill iad cothroman obrach.

"Bidh mi fhìn a' smaointinn gu bheil mi fortanach gu bheil mi a' faireachdainn sàbhailte leis an fheadhainn a tha ag obair còmhla rium," tha Josie ag ràdh.

"Ach bu chòir dìreach gur e rud àbhaisteach a th' ann a bhith a' faireachdainn sàbhailte san àite-obrach agad."

Dr Kelly NicIain
Fo-thiotal an deilbh,

'S i an Dr Kelly NicIain a bha os cionn an rannsachaidh

'S i an Dr Kelly NicIain, a tha na h-àrd-òrdaiche aig Oilthigh Ghlaschu, a bh' os cionn an rannsachaidh.

"Bhuail e orm," thuirt Kelly, "an àireamh de luchd-ciùil bhoireann air a bheil seo air buaidh a thoirt."

"Tha fhios againn gu bheil fòirneart agus sàrachadh feiseil nan trioblaidean ann an gnìomhachas a' chiùil san fharsaingeachd. Ach bha sinn airson sealltainn leis an rannsachadh seo gu bheil e na dhuilgheadas ann an ceòl traidiseanta cuideachd."

Bha e follaiseach san aithisg nach eil pròiseasan soilleir, neo-eisimeileach, foirmeil ann as urrainn do bhoireannaich a chleachdadh ma thèid droch-dhìol a dhèanamh orra.

Bha e soilleir cuideachd gu bheil mòran ag obair air an ceann fhèin agus nach eil an aon ìre de dhìon aca 's a th' aig luchd-obrach ann an gnìomhachasan eile.

A rèir 92% de bhoireannaich a ghabh pàirt, feumaidh barrachd a bhith air a dhèanamh gus àrainneachd a chruthachadh a tha nas sàbhailte agus nas taiceile do bhoireannaich.

Cunntalachd

Tha na rannsaichean air molaidhean a chur air adhart mu choinneimh seo.

"Tha sinn ag iarraidh gun obraich buidhnean còmhla," thuirt Kelly.

"Sin gus piseach a thoirt air cunntalachd, taic do bhoireannaich a th' air droch-dhìol fhulang agus na cothroman a th' ann airson còmhraidhean fosgailte a bhith air an cumail mun chuspair.

"Tha sinn air còdan-giùlain, aontaidhean obrach agus modhan dìon a mholadh mar eiseimpleir."

Thathas cuideachd ag iarraidh gun tèid slighean soilleir a chur an sàs gus an urrainn do bhoireannaich draghan a nochdadh a thaobh sàbhailteachd, sàrachadh is eile.

Chaidh am BIT Collective a stèidheachadh airson dèiligeadh ri co-ionnanas a thaobh gnè ann an saoghal ceòl traidiseanta na h- Alba.

Jen NicAnndrais
Fo-thiotal an deilbh,

Jen NicAnndrais bhon BIT Collective

Chuir cathraiche na buidhne, Jen NicAnndrais, fàilte air an aithisg agus i den bheachd gu obraich cuid de na molaidhean san ùine fhaide.

Ach tha ceistean oirre mu mar a ghabhas an cur an sàs gu practaigeach.

"Dhomhsa, sheas na còdan-giùlain a-mach. Nam biodh na duilgheadasan seo air an togail ann am buidheann taobh a-muigh saoghal a' chìuil thraidiseanta, bhiodh roinnean HR ann airson dèiligeadh riutha.

"Chan eil roinn HR againn agus chan eil fhios dè do furasta 's a bhiodh e rud mar sin a stèidheachadh."

Ann am brath, chuir Aonadh an Luchd-ciùil fàilte air an rannsachadh is iad ag ràdh gur e an fhianais as coileanta a nochd mun chuspair gu seo.

Tha e a' cur ris an argamaid, thuirt iad, 'son reachdais ùir is slighean stèidhichte.

"Mar a tha an aithisg a' sealltainn, 's e mar as trice feadhainn taobh a-staigh na coimhearsnachd bige ciùil a tha seo a tha ri droch-dhìol is mar sin tha dleastanas oirnn uile gnìomhachas nas fhosgailte is nas earbsaiche a thogail.

"Feumaidh e a bhith sàbhailte do dhaoine tighinn air adhart ma tha ceartas gu bhith ann, is chan eil sinn air an ìre sin a ruighinn fhathast."

Dòchas

Air ais ann an Glaschu, tha Josie ag aideachadh gu bheil e gu math duilich an rannsachadh ùr a leughadh, ged a tha i toilichte gu bheil daoine a' bruidhinn mun chùis.

Tha a bhith mothachail gu bheil trioblaid ann deatamach, tha i ag ràdh, airson gnothaichean atharrachadh.

Ach a dh'aindeoin cho doirbh 's a tha e dhi toraidhean na h-aithisg fhaicinn, tha misneachd aice.

"Saoghal ceòl traidiseanta na h-Alba, 's e mo dhachaigh a th' ann, mo choimhearsnachd.

"Tha mi dìreach airson 's gum bi e cho sàbhailte 's a ghabhas".

Tha taic ri fhaighinn aig Loidhne-Gnìomha a' BhBC.