Moladh air seirbheisean màthaireachd sna h-Eileanan an Iar

Leanabh air ùr-bhreithTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh mu 200 leanabh a' tighinn dhan t-saoghal san ionad-mhàthaireachd aig Ospadal nan Eilean a h-uile bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Rinn buidheann-faire moladh air mar a tha seirbheisean màthaireachd aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh ann an Leòdhas gan ruith.

Tha Leasachadh Cùram-Slàinte na h-Alba (HIS) ag ràdh gun d' fhuair sgrùdadh a rinn iad san Dàmhair gun robh luchd-obrach a' toirt seachad cùraim a bha "coibhneil agus iomhchaidh a rèir an t-suidheachaidh" do bhoireannaich agus an teaghlaichean.

Thuirt an aithisg cuideachd gun robh àrd-mhanaidsearan na seirbheis-glùine, àrd-dhotairean agus luchd-obrach roinnean eile ag obair glè mhath còmhla.

Thuirt HIS gun robh piseach a dhìth a thaobh trèanadh riatanach, sàbhailteachd teine agus a bhith a' lìonadh chlàraidhean euslainteach.

'S e Ospadal nan Eilean am fear as motha sna h-Eileanan Siar.

Tha mu 200 leanabh gam breith ann a h-uile bliadhna agus a tha an t-ionad a' tòirt cùraim do bhoireannaich mus bi an leanabh aca agus às dèidh làimh.

Thuirt àrd-neach-sgrùdaidh HIS, Donna NicIllEathain: "Nuair a chaidh sinn ann chunnaic sinn luchd-obrach a bha coibhneil agus a' toirt seachad cùraim a rèir fheumalachdan nam boireannach agus an teaghlaichean.

"Chunnaic sinn daoine ag obair gu math mar sgioba agus thuirt luchd-obrach gun robh iad a' faighinn taice bho àrd-mhanaidsearan agus gum b' urrainn dhaibh draghan a thogail.

"Rinn boireannaich agus teaghlaichean ris an do bhruidhinn sinn moladh air a' chùram a fhuair iad."

Chuir NHS nan Eilean Siar fàilte air an aithisg.

Thuirt an t-Àrd-Oifigear, Gòrdan Jamieson: "Bha e gu sònraichte na adhbhar misneachd dhuinn gun tuirt an luchd-sgrùdaidh gun robh na boireannaich agus na teaghlaichean ris an do bhruidhinn iad toilichte leis a' chùram a fhuair iad agus gum biodh iad toilichte seirbheisean màthaireachd NHS nan Eilean Siar a mholadh do chàirdean is caraidean.

"Tha sinn toilichte gun deach aithne a thoirt do dhìcheall agus co-fhaireachdainn ar luchd-obrach, agus tha sinn gu mòr airson 's gum bi sinn a' toirt seachad cùraim màthaireachd sàbhailte aig fìor àrd-ìre do bhoireannaich agus an teaghlaichean air feadh nan Eilean Siar."