Adhartas aig Ospadal nan Eilean a thaobh cùram chloinne

Nochd Leasachadh Cùram-Slàinte na h-Alba dragh an-uiridh mu chuid den chùram aig Ospadal nan Eilean
- Air fhoillseachadh
Tha buidheann-faire ag ràdh gun tàinig piseach aig ospadal a chaidh a chàineadh roimhe airson a bhith a' toirt cùraim do chloinn ann an uàrdan do dh'inbhich air sgàth dìth nursaichean.
Nochd aithisg Leasachadh Cùram-Slàinte na h-Alba (HIS) dragh ann an 2024 gun robh amannan ann far an robh clann air am fàgail leotha fhèin aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.
Thuirt an luchd-sgrùdaidh cuideachd gun d' fhuair iad diofar phìosan fiosrachaidh nach robh a' tighinn a rèir a cheile a thaobh na bha de luchd-obrach air an trèanadh ann an leighis chloinne agus ann a bhith a' toirt cùraim do dh'euslaintich a bha a' dol bhuaithe.
Thuirt HIS gun d' fhuair sgrùdadh às dèidh sin, taobh a-muigh gun tàinig piseach air cùisean agus àrdachadh sna bha de luchd-obrach le trèanadh ann an leighis do chloinn agus inbhich.
Chuir NHS nan Eilean Siar fàilte air an aithisg agus thuirt iad gu bheil làrach thèarainte a-nis aca do chloinn a-mhàin ann an uàrd meidigeach.
Thuirt àrd-neach-sgrùdaidh HIS, Donna NicIlleathain, gun d' fhuair an sgrùdadh a rinn iad gun rabhadh gun tàinig piseach air an ospadal air fad.
"Chunnaic sinn luchd-obrach ag obair còmhla ri chèile airson cùram coibhneil agus iomchaidh a rèir an t-suidheachaidh a thoirt seachad agus bha an t-ospadal glan agus ann an òrdugh," thuirt i.
"Bha na poileasaidhean agus pròiseasan airson cùram èiginnich uile mar bu chòir agus bha cungaidhean-leighis air an stòradh gu sàbhailte.
"Ge-tà, tha fhathast uireasbhaidhean ann a thaobh a bhith a' coileanadh obair-pàipeir, agus cha robh stuth glanaidh air a stòradh ann an àite tèarainte."
Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gordon Jamieson, gun robh e toilichte gun tàinig "piseach mòr" air an t-seirbheis agus gun deach sin aithneachadh.
"Tha an aithisg a' dearbhadh cho dealasach agus cho proifeasanta 's a tha ar luchd-obrach ann a bhith a' toirt seachad cùraim sàbhailte is coibhneil le prìomhachas air an euslainteach, agus adhartas a dhèanamh a thaobh riaghlaidh agus na tha a dhìth de thrèanadh," thuirt e.
"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil roinnean ann far a bheil adhartas a dhìth fhathast, agus tha sinn a' gealltainn dèiligeadh riutha sin mar phàirt den phlana leasachaidh againn."