Luchd-sgrùdaidh le dragh mun chùram aig Ospadal nan Eilean Siar

- Air fhoillseachadh
Fhuair aithisg Leasachadh Cùram-Slàinte na h-Alba grunn laigsean sa chùram a thathas a' toirt seachd aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.
Fhuaireadh gun robh clann uaireannan a' faighinn cùraim ann an uard do dh'inbhich is gun robh amannan ann nuair a bhiodh euslaintich inbhidh a' fàs troimh-chèile is buaireanta.
Thuirt an luchd-sgrùdaidh gun robh luchd-obrach còmhla ri clann sa mhòr-chuid, is gun robh oidhirp ann euslaintich inbhidh a bha le coltas gun robh iad a' fàs buaireanta a ghluasad.
Chaidh luchd-sgrùdaidh na buidhne-faire ann gun rabhadh a thoirt seachad ro làimh air an 3mh agus an 4mh den t-Sultain.
Thuirt Donna NicIlleathain, Àrd-Neach-Sgrùdaidh, Leasachadh Cùram-Slainte na h-Alba: "Fhad 's a bha sinn a' dèanamh sgrùdaidh chunnaic sinn luchd-obrach a bha ag obair gu cruaidh airson cùram co-fhulangach agus freagarrach a thoirt seachad.
"Ach thog sinn cuideachd draghan agus tha sinn air easbhaidhean a chomarrachadh."
Fhuair iad gun robh gainnead de nursaichean chloinne ann agus luchd-obrach air an trèanadh ann an cùram taic-beatha do chloinn.
A thuilleadh air an sin, fhuair iad nach robh gu leòr luchd-obrach ann a fhuair trèanadh airson a bhith a' dèiligeadh gu sàbhailte ri euslaintich a tha gu math ìosal neo ann an staid a tha a' dol am miosad.
Plana gnìomh
Thuirt an luchd-sgrùdadh gun do thill iad gu NHS nan Eilean Siar le arrtasan airson barrachd fiosrachaidh, ach nach tugadh barantas gu leòr dhaibh.
Fhuair an luchd-sgrùdaidh ge-tà, gu bheil luchd-obrach an ospadail coibhneil, agus gun robh euslaintich toilichte le mar a bhathar a' coimhead às an dèidh.
Bha an t-ospadal glan agus uidheamachd air a stòradh gu sàbhailte, thuirt a' bhuidheann-faire.
Dh'iarr iad air NHS nan Eilean Siar 22 atharrachaidhean a chur an gnìomh.
Tha an t-ùghdarras slàinte a-nis air plana leasachaidh a dhealbh airson dèiligeadh ris na draghan a chaidh a thogail agus chaidh sin fhoillseachadh còmhla ri aithisg an luchd-sgrùdaidh, taobh a-muigh.
Thuirt àrd-stiùiriche NHS nan Eilean Siar Gòrdan Jamieson gu bheil iad a' cur fàilte air sgrùdadh is gu bheil grunn phuingean san aithisg a tha a' togail air a' chùram air leth a tha luchd-obrach a' toirt seachad.
Thuirt e gun deach puingean a thogail cuideachd a dh'fheumas am bòrd-slàinte a leasachadh is gu bheil e a-nise na phrìomh amas aca seo a dhèanamh cho luath 's a ghabhas.
Tha e ag ràdh gun deach plana-gnìomha a stèidheachadh mar-thà.