"Àite diofraichte a th' ann" - Eden Court aig 50

- Air fhoillseachadh
Tha taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis a' comharrachadh gu bheil 50 bliadhna bho dh'fhosgail e.
Dh'fhosgail e ann an 1976, an dèidh leudachadh a bhith air a thoirt air seann lùchairt Easbaig Raibeart Eden - an seann togalach a tha na phàirt den ionad fhathast.
An dèidh sin bha e na ionad-trèanaidh agus còmhnaidh do na ceudan de nursaichean thar nam bliadhnaichean.
'S e an-diugh an t-ionad ioma-ealain as motha ann an Alba, a' tàladh iomadh buidheann is còmhlan gach bliadhna - eadar Bryan Adams, Nicola Benedetti, agus fiù 's an Dalai Lama.

Bidh cuirmean is tachartasan sònraichte aca a' ruith fad na bliadhna airson 50 bliadhna a chomharrachadh.
"Mar am prìomh àite cultarach a th' againn air Ghàidhealtachd 's e àite diofraichte a th' ann bho venue sam bith eile ann an Alba, leis gum bi sinn a' dèanamh measgachadh de dhiofar rudan," thuirt Emily NicDhòmhnaill, bho Eden Court.
"Tha daoine gu math eòlach oirnn mar thaigh-cluiche, agus 's e sin a th' annainn gu dearbha.
"Ach cuideachd tha taigh-dhealbh againn, tha sinn cuideachd a' ruith chlasaichean is bhùithdean-obrach agus bha o chionn fhada.
"Tha na ceudan 's na ceudan a' tighinn tro na dorsan an seo gach seachdain airson ionnsachadh mu dheidhinn tèatair, no dannsadh, no mu dheidhinn cruthachadh fiolmaichean. Tha sinn uabhasach cudromach anns an dòigh sin cuideachd."

An seann fhilm aig an t-seann phrìs
Tha Eden Court cuideachd air leth cudromach don Mhòd Nàiseanta Rìoghail nuair a bhios e ann an Inbhir Nis, 's e a' toirt goireas dhan fhèis a tha gun samhail aig tuath.
"Tha gu cinnteach Eden Court air a bhith air leth feumail agus cuideachail dhan Chomunn thairis air na bliadhnaichean," thuirt Peigi NicIllinnein, bhon Chomunn Ghàidhealach.
"Tha sinn air iomadh Mòd a stèidheachadh ann. Tha na goireasan ann air leth, agus an taic a tha sinn a' faighinn às an ionad fhèin."
Airson comharrachadh a dhèanamh air an 50 bliadhna mu dheireadh, bidh iomadh cuirm is tachartas a' gabhail àite, le cùisean a' tòiseachadh dìreach mar a thòisich iad ann an 1976, le consairt aig Orcastra Nàiseanta Rìoghail na h-Alba agus Opara na h-Alba anns a' Ghiblean.
"Tha sinn a' fosgladh leis a' chiad orcastra a bha a' cluich nuair a dh'fhosgail sinn," thuirt Emily Nic Dhòmhnaill.
"'S e oidhche gu math mòr a tha gu bhith an sin."

Bidh cothrom ann cuideachd anns a' Chèitean sùil a thoirt air cuid de na fiolmaichean as fheàrr bhon 50 bliadhna mu dheireadh aig an aon phrìs 's a bh' ann nuair a dh'fhosgail an t-àite - dìreach 73sg - a' tòiseachadh leis a' chiad fhilm a chaidh a shealltainn aig Eden Court - Alice Doesn't Live Here Anymore aig Martin Scorsese.
Thig a' bhliadhna gu ceann le taisbeanadh mòr aig an tè-ealain Jacqueline Briggs mu na daoine 's na h-amannan a th' air buaidh a thoirt air an ionad thar nam bliadhnaichean.
Ron sin bidh an òigridh a' gabhail an àite thairis san Ògmhios, agus anns an Iuchar thèid 50 bliadhna de thèatar chiùil a chomharrachadh - am measg gu leòr eile., taobh a-muigh