Cead do thuath-gaoithe san Eilean Sgitheanach air a dhiùltadh

Tuath-Gaoithe Bheinn Acadail bho Tùs an deilbh, RICHARD DORRELL / GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Bhiodh an tuath-gaoithe a bhathar a' moladh gu math faisg air Tuath-Gaoithe Bheinn Acadail

  • Air fhoillseachadh

Bhòt comhairlichean Gàidhealach an aghaidh cead a thoirt do thuath-gaoithe ùr san Eilean Sgitheanach agus dragh orra mun chron a dhèanadh e air iolairean-mara is buidhe.

Tha seo a dh'aindeoin agus gun robh oifigich a' moladh taic a chur ris a' phlana aig a' chompanaidh Wind 2 naoi crainn a thogail air fearann eadar am Baile Meadhanach san t-Sruthan agus an t-Aodann Bàn.

Cha d' fhuaireadh ach seachd tagraidhean air a shon, agus 188 tagraidhean na aghaidh, nam measg bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun (RSPB).

Bha buill Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath a' beachdachadh air iarrtas na companaidh feasgar Diciadain.

Ghabh iad ri gluasad a chaidh a chur air adhart le cathraiche na comataidh, an Comh. Drew Millar, fear de riochdairean Uàrd Eilean a' Cheò.

B' e an argamaid a bu mhotha a bh' aig Maighstir Millar a' bhuaidh a bhiodh aig an leasachadh air na tha de dh'iolairean-mara agus iolairean-buidhe a tha a' tighinn beò air monaidhean iar-thuath an Eilein Sgitheanaich.

Chuala a' chomataidh fianais bhon RSPB gum faodadh suas ri 37 de na h-eòin-chreachaidh a bhith air am marbhadh thairis air na 40 bliadhna a bhiodh an tuath-gaoithe ann.

Bha an gluasad aig a' Chomhairliche Millar cuideachd a' nochdadh dragh gun dèanadh an leasachadh cron air an àrainneachd agus gum milleadh e seallaidhean.

Bhòt ochdnar de bhuill na comataidh gun cead a thoirt seachad, le còignear a' moladh taic a thoirt don leasachadh.

Dh'iarr BBC Naidheachdan beachd air Wind 2 ach cha d' fhuaireadh freagairt bhuapa fhathast.