Cead ga mholadh do thuath-gaoithe san Eilean Sgitheanach ged a tha 188 tagradh na aghaidh

Bidh comhairlichean a' cnuasachadh air moladh Tuath-Gaoithe a' Bhaile Mheadhanaich sam biodh naoi crainn
- Air fhoillseachadh
Thathar a' moladh do chomhairlichean Gàidhealach taic a chur ri plana airson tuath-gaoithe sam biodh naoi crainn an ceann an iar-thuath den Eilean Sgitheanach, a dh'aindeoin agus gu bheil 188 tagradh na aghaidh.
Thèid na planaichean air beulaibh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath Diciadain.
'S ann air talamh mòintich faisg air an Aodann Bhàn a bhiodh Tuath-Gaoithe a' Bhaile Mheadhanaich agus bhiodh na crainn faisg air 150m de dh'àirde.
Bhiodh e ann airson 40 bliadhna agus chruthaicheadh e 45MW de dhealan gach bliadhna.
Tha an luchd-leasachaidh Wind 2 ag ràdh gun deach na planaichean ullachadh air dhòigh gus nach toireadh an sgeama buaidh ro mhòr air an àrainneachd.
Rannsachadh poblach ga iarraidh mu leasachaidhean gaoithe san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh11 An t-Iuchar 2023
Plana ùr 'son tuath-gaoithe san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh15 An Lùnastal 2024
Plana Beinn Acadail air a dhiùltadh
- Air fhoillseachadh5 An t-Ògmhios 2024
Cha d' fhuair Comhairle na Gàidhealtachd ach seachd tagradh a bha taiceil do phlana Tuath Gaoithe a' Bhaile Mheadhanaich, le 188 na aghaidh.
Nam measg bha Comann Rìoghail Dìon nan Eun a thuirt gum biodh e a' cur iolairean-mara ann an cunnart.
'S e an aon bhuidheann ionadail a tha a' cur na aghaidh Comhairle Coimhearsnachd Sgeitheaboist.
Tha an t-eagal orra gum mill an leasachadh bòidhchead an àite, gun dèan e cron air an àrainneachd is fiadh-bheatha, agus nach tig mòran obrach na chois.
Tha dragh orra cuideachd mu na tha de leasachaidhean gaoithe a thathas a' moladh san Eilean Sgitheanach san fharsaingeachd agus iad den bheachd gum bu chòir beachdachadh air na tagraidhean uile còmhla.
"'S e an rud ceàrr a dhèanamh"
Thòisich iomairt an aghaidh na tha de phròiseactan a thathas a' moladh air feadh an eilein, agus dragh ann gum faodadh gum bi còrr math is 100 crann ann ma gheibh iad uile cead.
Tha dà thuath-gaoithe mar thà ann le 30 crainn eatorra.
Thugadh cead do thrì sgeamaichean eile sam bi 24 crainn, agus tha mòran a bharrachd aig diofar ìrean den phròiseas dealbhachaidh.
Dhiubh sin tha còig tuathan eile, le 75 crann uile gu lèir cuid dhiubh cho àrd ri 200m.
Tha Anndra Robinson bho Bhuidheann Fiosrachaidh Thuathan-Gaoithe an Eilein Sgitheanaich ag ràdh gu bheil an t-eilean "aithnichte airson a bhòidhchead agus e a' crochadh air eaconamaidh na turasachd.
"Mar sin, a bhith a' cur sinn ann an cunnart le tuath-gaoithe eile 's e an rud ceàrr a dhèanamh," thuirt e.
Thuirt Wind 2, a' chompanaidh air cùl plana Tuath-Gaoithe a' Bhaile Mheadhanaich:
"Chaidh am pròiseact seo a dhealbh gu faicealach thar grunn bhliadhnaichean le stiùireadh agus fiosrachadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus NàdarAlba airson dèanamh cinnteach gun toir na planaichean spèis don àireanachd agus an èic-eòlas ionadail.
"Tha moladh oifigich na Comhairle cead a thoirt dhan phròiseact a' dearbhadh cho mionaideachd agus a tha na planaichean."
Chithear barrachd fiosrachaidh ann am pàipearan Comhairle na Gàidhealtachd an seo , taobh a-muigh.