Maoineachadh riaghaltais 'son drochaid-rèile Spè

Dealbh dròn den drochaid
  • Air fhoillseachadh

Gheibh Comhairle Mhoireibh £113,000 bho Riaghaltas na h-Alba airson an cuideachadh dèiligeadh ri mar a thuit drochaid-rèile eachdraidheil gu Uisge Spè.

Bhiodh iomadh neach-coiseachd is rothaiche a' cleachdadh na seann drochaid iarrainn faisg air a' Ghearmaich airson a dhol tarsainn na h-aibhne mus do thuit i san Dùbhlachd.

Thogadh Viaduct Spè, a tha 107m de dh'fhaid, ann an 1886, agus chaidh an loidhne-rèile a dhùnadh sna 1960an.

Thug Comhairle Mhoireibh rabhadh seachad gur gann gun gabh cosgais a bhith a' càradh na drochaid pàigheadh leotha.

Ach aig Holyrood Diciadain, thuirt Rùnaire na Còmhdhail gun cuidicheadh an Riaghaltas le measaidhean a dhèanamh.

Dealbh dròn den drochaid

"Tha Comhairle Mhoireibh air plana a leasachadh, le ceithir prìomh cheumannan measaidh a bheir soillearachadh dhuinn air a' bhuaidh a thug na thachair air grunnd na h-aibhne agus fearann timcheall na làraich," thuirt Fiona Hyslop.

"Niste, tha maoineachadh nach beag a dhìth airson a dhol tro na ceumannan seo.

"Tha mi toilichte a dhearbhadh gun toir Riaghaltas na h-Alba £113,000 bho Mhaoin Bun-structair an t-Siubhail Ghnìomhaich a phàigheas airson measaidhean einnsinnìridh a bharrachd, gnothaichean dealbhachaidh agus obair gus seach-shlighean a chur an sàs san eadar-ama."

Thuirt Ms Hyslop gun deadh an obair sin a dhèanamh ro dheireadh na bliadhna-ionmhais seo sa Ghiblean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo