Thuit seann drochaid eachdraidheil do dh'Uisge Spè

- Air fhoillseachadh
Tha na poilis air seann drochdaid-rèile a dhùnadh dhan phoball an dèidh mar a thuit pìos dhith do dh'Uisge Spè ann am Moireibh.
Thogadh Viaduct Spè, structar iarann faisg air a' Ghearmaich, ann an 1886. Cha robh trèanaichean ga chleachdadh tuilleadh ach 's e slighe a bha a' còrdadh gu mòr ri luchd-coiseachd agus rothaichean.
Tha dealbhan air na meadhan-sòisealta a' sealltainn tè de na na casan cloiche air fiaradh agus pàirt metailte dhith toinnte agus san uisge.
Tha ceist air BPA Nàiseantach na sgìre, Richard Lochhead, mu cho èifeachdach 's a bha sgrùdadh air an drochaid.
Thuirt e: "Tha mi a' bruidhinn ri Comhairle Mhoireibh airson faighinn a-mach cuin a chaidh sgrùdadh a dhèanamh air an structar mu dheireadh, agus dè thachras a-nis don drochaid."

Tha dealbhan dròn a' sealltainn mar a chaidh pìos den drochaid a lùbadh agus a-steach don abhainn
Dhùineadh an loidhne-rèile air an drochaid, a tha 107m de dh'fhaid, sna 1960an ach chaidh a dhèanamh na slighe-choiseachd an dèidh sin.
Tha Slighe Taobh Spè, slighe-choiseachd fhada a tha a' leantainn Uisge Spè bho Linne Mhoireibh gu Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, a' dol seachad air ceann an ear den drochaid.
Tha e cuideachd mar phàirt den Lìonra Rothaireachd Nàiseanta.
Dh'iarr Comhairle Mhoireibh, ris a bheil an t-slighe-choiseachd an urra, air a' phoball agus luchd-naidheachd gun a dhol ro fhaisg air an drochaid.
Ann am brath-naidheachd thuirt iad: "Nì an luchd-einnseiniridh againn measadh air an t-suidheachadh mus toir sinn an còrr fiosrachaidh seachad."