À Eilean a' Chèo chun Isle of Dogs: Leòmhann Sgitheanach Millwall

Màrtainn Mac a' Phì ann an sgioba London Caledonians. Dealbh bho Bhòrd Leabharlainn Bhreatainn. Còraichean uile glèidhte. Le taing do Thasglann Phàipearan-Naidheachd Bhreatainn
Tùs an deilbh, Bòrd Leabharlainn Bhreatainn
Fo-thiotal an deilbh,

Màrtainn Mac a' Phì ann an sgioba London Caledonians ann an 1891

  • Air fhoillseachadh

'S e sgrìob a th' ann bho Cheann a Tuath an Eilein Sgitheanaich gu Taobh a Deas Lunnainn, gun luaidh air turas a dh'Astràilia is air ais sa mheadhan.

Ach 's e sin an t-slighe iongantach - a' toirt a-steach Ar-a-mach nan Seumasach, na Fuadaichean is Eilthireachd nan Gàidheal - a thug fireannach òg bho Sgìre Chille Mhoire gu sgioba ball-coise Millwall is geamaichean an aghaidh Arsenal is Spurs aig deireadh an 19mh linn.

Bha freumhan domhain agus rudeigin cliùiteach aig Màrtainn Mac a' Phì san Eilean Sgitheanach.

Cò bha na sinn-sinn-sinn-seanmhair dha ach Flòraidh NicDhòmhnaill, bana-ghaisgeach nan Seumasach a chuidich Teàrlach Èideard Stiùbhart gu fasgadh ann an 1746.

Bha Clann Mhic a' Phì anns na ginealachan às dèidh sin a' fuireach ann am baile Erisco, taobh Dhùn Tuilm.

Ach cha b' ann an sin a rugadh Màrtainn idir.

Flòraidh NicDhòmnhnaillTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Flòraidh NicDhòmnhnaill, bana-ghaisgeach nan Seumasach agus sinn-sinn-sinn-seanmhair Mhàrtainn Mhic a' Phì

"An teaghlach, thàinig iad à Erisco," dh'innis cathraiche Chomann Eachdraidh Chille Mhoire, Calum Peutan.

Tha Calum eòlach air eachdraidh Chlann Mhic a' Phì.

"Chaidh an cur a-mach à Erisco cho fad 's is fiosrach dhomh nuair a thug oighreachd Dhùn Tuilm a-staigh caoraich mhaola.

"Bha daoine mu seach air an cur às a' bhaile is bha iad gan cur gu àiteachan eile is thàinig an teaghlach seo, Clann Mhic a' Phì, gu Baile MacCuithein."

A' fuireach rin taobh an sin bha teaghlach eile air an robh MacCuithein. Tha rannsachadh Chaluim air sealltainn gun deach iadsan fhuadachadh à Lachasaigh, baile beag eile an Cille Mhoire.

'S iad Eoghan Mac a' Phì is Isabella NicCuithein pàrantan Mhàrtainn

Ach cha b' ann am Baile MacCuithein a rugadh Màrtainn nas motha.

Tobhta ann an EriscoTùs an deilbh, Dòmhnall Pollock
Fo-thiotal an deilbh,

Erisco, am baile às an deach Clann Mhic a' Phì fhuadachadh bho thùs, air Là na Bliadhna Ùire 2026. Chan eil air fhàgail an-diugh ach tobhtaichean an seo agus ann an Lachasaigh, am baile às an deach teaghlach Mhàrtainn taobh a mhàthar fhuadachadh

Bha a phàrantan is dithis mhac òga air cùl a chur ri eilean an àraich is air seòladh à Liverpool ann an 1860.

"Cha bhiodh mòran dhaibh an seo aig an àm is dh'fhalbh iad a dh'Astràilia airson beatha na b' fheàrr fhaighinn," tha Calum ag ràdh.

'S e sin a dh'fhàg gun do rugadh Màrtainn Mac a' Phì mu 1867 ann an àite air an robh luchd-tuineachaidh air Merino Downs a ghabhail, is far an robh Gàidheil gu leòr mar-thà air dachaigh a dhèanamh.

Agus 's e cuideachd, còrr is 150 bliadhna air adhart, a chuir feadhainn a tha a' rannsachadh eachdraidh sgioba ball-coise Millwall iomrall.

'S e saothair-beatha David Sullivan eachdraidh a' chluba aige a rannsachadh le ùidh gu seachd-àraid ann an sgeulachdan nan cluicheadairean.

Thàinig an cluba fhèin thuige an-uiridh a shireadh liosta de na chluich dha na Leòmhainn a' dol air ais gu fìor thoiseach a' chluba ann an 1885.

David SullivanTùs an deilbh, Brian Tonks
Fo-thiotal an deilbh,

Tha David Sullivan air a bhith fad a bheatha a' cur taic ri Millwall is e air grunn leabhraichean a sgrìobhadh mu eachdraidh nan Leòmhann

"Thòisich mi a' cladhach, rud a bha doirbh oir bha an cluba amateurach aig an àm, agus sin mar a fhuair mi ùidh ann am Màrtainn Mac a' Phì," tha David ag ràdh.

"Shaoil mi gun robh seo sònraichte oir cha robh cluicheadair riamh air a bhith againn às an Eilean Sgitheanach.

"Ach thàinig e am bàrr an uairsin gun do rugadh e ann an Astràilia."

Le taic bho BhBC Naidheachdan, thàinig e am follais mar a chaidh iad às an Eilean Sgitheanach a dh'Astràilia, is mar a chaochail màthair Mhàrtainn, Isabella, ann am Merino Downs ann an 1869.

Chaidh Màrtainn is bràithrean òga eile a chur air ais thairis air a' chuan mhòr.

Ann an cunntas-sluaigh 1881 tha e a' fuireach mar loidsear òg le teaghlach ann an Cille Mhoire. Mar a bhiodh fios co-dhiù, 's e Gàidhlig a bh' aca uile.

Dealbh de Thormod Mac a' Phì (bha an dealbh seo ann an Tìm an Òbain le cead a chleachdadh. Thug Calum Peutan bho Chomann Eachdraidh Chille Mhoire am fear seo dhuinn is e nas fheàrr na an dreach a bha ann an Tìm an Òbain).Tùs an deilbh, Comann Eachdraidh Chille Mhoire
Fo-thiotal an deilbh,

Tormod Mac a' Phì à Erisco san Eilean Sgitheanach a chaidh na mhèar ann am baile Tamworth ann an Sasainn. Nochd Clann Mhic a' Phì ann an taisbeanadh aig Comann Eachdraidh Chille Mhoire an-uiridh mu bhùthan a bha uair san sgìre

Bha bràthair athair Mhàrtainn mar-tha ann an Sasainn.

Dh'innseadh Tormod Mac a' Phì gun do dh'fhàg e an t-Eilean aig aois 18 le leth-chrùn na phòcaid gus fhortan a shireadh.

Cha do rinn e buileach dona, air a' cheann thall a' ruith a' ghnothachais aige fhèin is e cuideachd air a thaghadh mar mheàr air baile Tamworth.

Bhiodh e a' tilleadh dhachaigh is a' comhairleachadh òigridh an Eilein air mar a thogadh iad iad fhèin suas san t-saoghal mhòr.

'S beag an t-iongnadh nuair a ràinig e fhèin aois gun do ghabh Màrtainn an rathad gu deas is gun do dh'fhuirich e ùine còmhla ri uncail, Tormod Tamworth.

Ach gu h-iongantach, 's ann air a' phàirce bhall-coise an toiseach a choisinn Màrtainn cliù dha fhèin ann am baile mòr Lunnainn.

Sgioba London Caledonians ann an 1891. Tha Mac a' Phì na shuidhe san dàrna àite bhon làimh dheis. Dealbh bho Bhòrd Leabharlainn Bhreatainn. Còraichean uile glèidhte. Le taing do Thasglann Phàipearan-Naidheachd BhreatainnTùs an deilbh, Bòrd Leabharlainn Bhreatainn
Fo-thiotal an deilbh,

Sgioba London Caledonians ann an 1891. Tha Màrtainn Mac a' Phì na shuidhe san dàrna àite bhon làimh dheis.

Ann an 1887 chuir sgioba ùr air an robh na London Caledonians Tottenham Hotspur a-mach à Cupa Taobh Sear Lunnainn:

"Led on by Mason, the "Spurs" advanced to the attack, Humphrey and M'Fie repeatedly cleared the lines", dh'aithris na pàipearan.

Air a' cheann thall roinn na Caledonians an cupa le sgioba air an robh, aig an àm, Millwall Rovers.

Bha iadsan air an stèidheachadh san Isle of Dogs le luchd-obrach aig companaidh Albannach, le grunnan chluicheadairean à Alba, is cathraiche às an Eilean Dubh.

"'S e achadh gu math torrach a bh' ann an Alba do Millwall," tha David Sullivan ag innse.

Millwall ann an 1888
Fo-thiotal an deilbh,

Millwall Rovers ann an 1888 is Màrtainn Mac a' Phì na shuidhe air an làimh dheis. Goirid às dèidh seo dh'atharraich iad an t-ainm gu Millwall Athletic. Aig a' chùl air an làimh chlì (leis an ad air) tha a' chiad chathraiche, an Dr Uilleam Moireach Leslie às a' Chnoc Bhàn san Eilean Dubh

Nàdarra gu leòr, mar sin, gun cuidicheadh Mac a' Phì iad nuair nach robh e a' cluich dha na Caledonians.

Bha fèill air. A rèir aithrisean anns na pàipearan ann an 1890, b' e an Sgitheanach "one of the best half-backs in London...a player of a high order".

Sa bhliadhna sin bha e na phàirt den sgioba aig Millwall a chrìochnaich 3-3 an aghaidh nan nàimhdean mòra aca, Royal Arsenal, no dìreach Arsenal mar a tha sinn eòlach orra an-diugh.

Bha an dà sgioba a' sìor chosnadh cliù mar an fheadhainn as motha agus as fheàrr ann an Lunnainn, is a' gluasad a dh'ionnsaigh inbhe phroifeiseanta, rud nach do rinn cluba eile sa bhaile-mhòr roimhe.

Dealbh de Mhàrtainn Mhic a' Phì a bha san Southern Echo. Dealbh bho Bhòrd Leabharlainn Bhreatainn. Còraichean uile glèidhte. Le taing do Thasglann Phàipearan-naidheachd Bhreatainn
Tùs an deilbh, Bòrd Leabharlainn Bhreatainn
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh de Mhàrtainn Mhic a' Phì - "one of the best half-backs in London" - a nochd ann an grunn phàipearan ann an 1890.

Bha Màrtainn eòlach gu lèor air na Gunners, aig an robh freumhan làidir Albannach iad fhèin.

Chluich e dhaibh ann an geama cathrannais agus air Là na Nollaige 1891, chuir e sgioba air dòigh de chluicheadairean Millwall is London Caledonians fon ainm 'M'Fie's Eleven' 'son cluich an aghaidh Arsenal.

'S dòcha gu bheil e na chomharra air cliù Mhàrtainn aig an àm gun do nochd litir a sgrìobh e anns na pàipearan-naidheachd mar shanas 'son leigheis an aghaidh rumatas.

Ach bha fàs Millwall a' fàgail gun robh e cinnteach gun rachadh iad proifeiseanta, mar a rinn Arsenal mar-tha.

Sanas a rinn Mac a' Phì anns an Howdenshire GazetteTùs an deilbh, Bòrd Leabharlainn Bhreatainn
Fo-thiotal an deilbh,

Bha cliù gu leòr aig Mac a' Phì 'son a bhith ri sanasachd. Taing do Thasglann Phàipearan-Naidheachd Bhreatainn 'son nan dealbhan bho Bhòrd Leabharlainn Bhreatainn

Ghabhadh Mac a' Phì slighe eile.

Chaidh e dhan arm, a' ruighinn ìre Sergeant Major anns na Fusiliers Rìoghail is a' faighinn bonn 'son a chuid ghaisgeachd cogaidh.

Chaochail e aig aois 85 ann an ceann a deas Shasainn, fada bho thobhtaichean Erisco is nas fhaide buileach à Merino Downs.

Ged a chaidh iomradh a thoirt air ann an leabhar ann an 1924 mar fhear de laoich thràtha nan London Caledonians, rachadh ainm is cliù Mhàrtainn air seachran ann an ceò na tìm, co-dhiù gus an do thòisich luchd-eachdraidh Millwall a' cladhach.

"Tha sgeulachd Mhic a' Phì is mar a thill e à Astràilia às dèidh bàs a mhàthar – tha e gu math tiamhaidh," tha David Sullivan ag ràdh.

An Den, dachaigh Millwall san là an-diughTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

An Den, dachaigh Millwall san là an-diugh, is na Leòmhainn an-dràsta a' farpais 'son àite ann am Prìomh Lìog Shasainn

Leis na ceanglaichean a-nise air an dearbhadh, tha Màrtainn a' gabhail àite mar bu chòir ann an eachdraidh Millwall. Ann an Àstrailia tha fios a-nise aig luchd-eachdraidh ionadail carson a chaidh an teaghlach às an t-sealladh à Merino Downs.

Agus air ais ann an eilean a shinnsearachd, tha Calum Peutan an dòchas sgeulachd Mhàrtainn Mhic a' Phì a chur ann an leabhar ùr air a bheil Comann Eachdraidh Cille Mhoire an-dràsta ag obair.

"Bha e gu math annasach sin a chluinneil," thuirt e mu Mhàrtainn is am ball-coise.

"'S e stòiridh ùr a th' ann dhuinn is bhiodh e math barrachd a dhèanamh air."

Clach, mu dheireadh thall, a' dol air càrn Sgitheanach Astràilianach Millwall.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte

Tuilleadh air an sgeulachd seo