Inbhir Pheofharain aig 800

Suaicheantas Inbhir Pheofharain
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh inbhe Bhaile Rìoghail a bhuileachadh air Inbhir Pheofharain ann an 1226

  • Air fhoillseachadh

Tha 800 bliadhna on a chaidh inbhe Bhaile Rìoghail a bhuileachadh air Inbhir Pheofharain.

Chaidh an t-inbhe a bhuileachadh air a' bhaile ann an 1226, ged a bha am baile air a bhith ann fada ron sin, leis na Lochlannaich a' cumail chruinneachaidhean comhairle ris an canadh iad "Þing" (air fhuaimneachadh mar an fhacal Beurla "thing") ann bhon 8mh Linn.

'S ann à sin, "Þingvöllr" (àite a' mhòid), a thàinig ainm Beurla a' bhaile, Dingwall - ged a b' e "Baile a' Chàil" a bh' aig Gàidheil air an àite, a thuilleadh air Inbhir Pheofharain.

Tron bhliadhna thèid sreath de thachartasan a chumail gus ceann-bliadhna buileachadh inbhe Bhaile Rìoghail air Inbhir Pheofharain a chomharrachadh.

Uinneag air a sgeadachadh le dealbhan

'S iad Fèis Rois, aig a bheil oifisean ann am meadhan a' bhaile a tha a' lìbhrigeadh nan tachartasan.

Agus tòisichidh iad le tachartas sònraichte Bright Burgh Trail oidhche Shathairne seo tighinn.

Chaidh iarraidh air dachannan, gnothachasan agus buidhnean coimhearsnachd na h-uinneagan aca a sgeadachadh le dealbhan is eile a' tarraing air eachdraidh a' bhaile.

"'S e cothrom a tha seo do mhuinntir a' bhaile stuth ealain fhaighinn gus dreach ùr a chur air na h-uinneagan aca," thuirt Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Fèis Rois, Eòin Cuimeanach.

"Bidh buaidh ann bhon eachdraidh, bhon chultar agus dualchas Inbhir Pheofharain."

Tha na h-uinneagan a chaidh a sgeadachadh air an cur air mapa a gheibh daoine ma tha iad airson cuairt a ghabhail a choimhead orra.

Uinneag air a sgeadachadh le dealbhan
Fo-thiotal an deilbh,

Uinneag eile aig Robertson House a dhealbh Siobhán Nic an t-Saoir 's a mac Eòghann, 6

Disathairne an 17mh là den Fhaoilleach, thèid taisbeanadh a chur suas air Talla a' Bhaile le bhideothan agus dealbhan den bhaile - feadhainn sean 's feadhainn ùr.

'S ann san Lùnastal as motha a tha dùil ri comharrachadh ge-tà.

"'S e Disathairne an 8mh là den Lùnastal an là as motha den bhliadhna airson Inbhir Pheofharain 800," thuirt Mgr Cuimeanach.

"Là Centuries, Clash, Crafts agus Ceòl.

"Tron là bidh ceòl às an linn mheadhan-aoiseil air an Àrd-Shràid, bidh stàlaichean ann bho ghnìomhachasan ionadail, 's bidh cuirm air an oidhche le Rhythm and Reel.

"Agus bidh ath-achdachadh sabaid Lochlannaich ann am Pàirce Pefferside."

Uinneag air a sgeadachadh le dealbhan
Fo-thiotal an deilbh,

Uinneag aig Robertson House sa bhaile, air a cruthachadh le Siobhán Nic an t-Saoir 's a mac Eòghann, 6.

Tha muinntir a' bhaile air a bhith an sàs ann an ullachadh tachartasan na bliadhna, agus farpais dhealbhan air a cumail airson suaicheantas a chruthachadh.

"Chuir an t-uabhas dhaoine a-steach airson sin," thuirt Mgr Cuimeanach.

"Chuir sinn trì dealbhan ri chèile gus aon suaicheantas a dhèanamh.

"Cha robh sinn an dùil gun cuireadh an uiread dhaoine a-steach, ach tha e a' sealltainn gu bheil a' choimhearsnachd air cùl a h-uile càil a tha sinn a' dèanamh."

Cha b' e Lochlannaich a-mhàin a rinn eachdraidh prìomh bhaile Siorramachd Rois ge-tà, agus bidh a' Ghàidhlig na pàirt mhòr de thachartasan na bliadhna.

"Bidh tòrr de na tachartasan ann an Gàidhlig agus bidh cuirmean le luchd-ciùil Gàidhealach is seinn Ghàidhlig fad na bliadhna gu cinnteach," thuirt Mgr Cuimeanach.