"Riatanach" gun lìon a h-uile croitear am Brath Bliadhnail aca

ÈirisgeighTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Coimisean na Croitearachd a' cur an cuimhne chroitearan gu bheil e mar dhleasdanas laghail orra am Brath Bliadhnail a lìonadh agus a chur air ais thuca.

'S e an ceann-là airson sin an 6mh den Ghiblean 2026.

Tha am Brath Bliadhnail a' dearbhadh gu bheil croitearan a' cumail ris na cumhachan laghail a th' orra, nam measg gu bheil iad a' fuireach taobh a-staigh 20 mìle bhon chroit agus gu bheil am fearann air a chur gu feum.

Tha Àrd-oifigear Choimisean na Croitearachd, Gary Caimbeul, ag ràdh "gu bheil iad toilichte ris na tha air am fiosrachadh a thilleadh thuca am-bliadhna, ach gu bheil e riatanach gun dèan a h-uile croitear e".

Tha e mì-laghail gun am Brath Naidheachd a thilleadh don Choimisean.

An-uiridh, b' fheudar dhaibh litir litrichean foirmeil a chur gu 3,500 croitear nach do thill am Brath Bliadhnail aca mar a bha còir.

Mura tèid a lìonadh neo ma thèid fiosrachadh brèige a thoirt seachad, dh'fhaodadh gum bi sgrùdadh ann agus buaidh air inbhe gabhaltais neo seilbhe a' chroiteir.

A bharrachd air na foirmichean a chur dhan bhuidhinn-riaghlaidh sa phost, gabhaidh na ceistean a fhreagairt air-loidhne an seo air làraich-lìn a' Choimisein, taobh a-muigh.