Taraifean uisge-bheatha: "bhiodh 25% dìreach uabhasach"

- Air fhoillseachadh
Tha eòlaiche eaconomach air a ràdh gum faodadh eaconomaidh na Gàidhealtachd fulang gu mòr ma chuireas Dòmhnall Trump taraifean a bharrachd air Breatainn mar a tha e a' maoidheadh.
Bha Tony MacAoidh a' bruidhinn agus an Taigh Geal a' maoidheadh taraif 10% eile bhon Ghearran - 's dòcha ag èirigh gu 25% san Ògmhios - mura h-aontaich Breatainn agus seachd dùthchannan Eòrpach eile ris a' phlana aige smachd a ghabhail air a' Ghraonlainn, a tha na pàirt fèin-riaghailte de Rìoghachd na Danmhairg.
Tha Comann an Uisge-Bheatha Albannaich ag ràdh gun do chaill an gnìomhachas còrr air 1,000 cosnadh air a' bhliadhna a chaidh seachad agus gu bheileas a' call £20m gach mìos leis na taraifean 10% a chuir na Stàitean Aonaichte an sàs an-uiridh.
"'S e margaid air leth cudromach a th' anns na Stàitean Aonaichte," thuirt Mgr MacAoidh.
"Mar sin dheth, leis na taraifean seo aig Mgr Trump, tha e gu math caochlaideach a thaobh na tha e a' dèanamh.
"Canaidh e aon rud air aon mhìos, 's an uair sin atharraichidh e inntinn air a' mhìos às dèidh sin.
"Thàinig na taraifean mu dheireadh mar chlach às an adhar, agus gu follaiseach tha iad air droch bhuaidh a thoirt air a' Ghàidhealtachd.
"Cho fad 's a tha Dòmhnall Trump an sin anns na Stàitean Aonaichte, 's e cunnart mòr a tha seo dhuinn."
Trump, na taraifean agus an taigh-staile
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2025
Staladairean a' cur an aghaidh tharaifean
- Air fhoillseachadh16 An t-Iuchar 2020
Casg rè ùine air taraifean an uisge-bheatha
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt 2021
Feumar uisge-beatha a th' air ùr-tharraing a chumail airson co-dhiù trì bliadhna mus fhaodar a reic, agus a' mhòr-chuid de Mhac na Braiche gu h-àraid gu math nas aosta na sin.
Mar sin dheth, ma chailleas companaidhean stailidh margaidh, chan fhiach dhaibh tuilleadh a dhèanamh mus tèid aca air an stoc a th' aca a reic.
"Bhiodh 10% dona gu leòr, ach 25% bhiodh e dìreach uabhasach," thuirt Murchadh Caimbeul, a tha e fhèin na eòlaiche air a' ghnìomhachas.
"Chuireadh e bacadh air na tha na Stàitean a' ceannach, agus feumaidh sinn cuimhneachadh gur e na Stàitean a' mhargaid as motha a th' aig saoghal an uisge-bheatha.
"Cò aig an robh fios trì bliadhna air ais gun robh seo a' dol a thachairt?
"Tha stoc air a bith aca ga chàrnadh an-àirde, agus tha e aig an ìre a-nise far a bheil iad toilichte gu leòr gu bheil stoc gu leòr aca.
"Ach 's e rud a th' ann gu bheil iad a-nise le 's dòcha cus stuic aca, agus tha sin a' toirt buaidh air obraichean."