Staladairean a' cur an aghaidh tharaifean

  • Air fhoillseachadh
Uisge-beathaTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Uisge-beatha

Tha gnìomhachas an uisge-bheatha an Alba a' neartachadh na h-iomairt aca an aghaidh tharaifean a chuir na Stàitean Aonaichte air an deoch mar fhreagairt air taic Eòrpach don chompanaidh adhair Airbus.

Tha dùil gum faodadh an eas-aonta a dhol nas miosa fhathast, agus riaghaltas a' Chinn-suidhe Trump a' maoidheadh taraifean nas fharsainge a chur an sàs.

Dh'fhaodadh sin tachairt an ath-mhìos.

Bhon Dàmhair an-uiridh tha na Stàitean Aonaichte air taraif 25% a chur air mac na braiche Albannach.

Le sin agus buaidh staing a' Choròna-bhìorais air an eaconamaidh, thuit na tha de dh'uisge-bheatha ga chur a-null thairis 30%.