Casg fòn: "Bidh a h-uile duine a' bruidhinn ris a h-uile duine eile barrachd"

Tha Sorcha agus Charlotte le chèile a' smaoineachadh gur e rud math a th' anns a' chasg
- Air fhoillseachadh
Thèid poileasaidh ùr mu fhònaichean-làimhe san àrd-sgoil as motha air a' Ghàidhealtachd a chur an gnìomh sa Ghearran.
Cha bhi cead aig sgoilearan Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis tuilleadh am fòn aca a chleachdadh tron là.
Tha reactar na sgoile, Ian Adamson, cinnteach às gum bi buannachdan na chois mar a bha nuair a bha e na cheannard air Àrd-sgoil Cheann a' Ghiùthsaich, a' chiad sgoil air a' Ghàidhealtachd a chuir casg air fònaichean.
Thuirt e gum faca e "daoine òga a bha mòran nas sòisealta còmhla, a bha mar chloinn a-rithist agus a' cluich air na pàircean a-muigh".

Tha aon de na caipteanan-sgoile, Ali, den bheachd gun dèan sgoilearan oidhirp na riaghailtean ùra a leantainn
Bidh seo a' toirt buaidh air còrr air 1,300 duine òg. Tha Sorcha agus Charlotte, sgoilearan san treas bliadhna, ag ràdh gu bheil iad a' caitheamh eadar trì 's seachd uairean de thìde san là gu cunbhalach air na fònaichean aca.
A dh'aindeoin sin tha an dithis a' gabhail ris gum faodadh buannachdan a bhith an cois a' chaisg.
Tha Sorcha a' smaoineachadh gur e "rud math a bhios ann air sgàth 's gum bi a h-uile duine a' bruidhinn ris a h-uile duine eile barrachd agus 's dòcha gum bi daoine a-muigh a' cluich barrachd".

Tha an caiptean-sgoile, Elle, an dòchas gun leasaich e sgilean sòisealta nan deugairean
Thuirt Charlotte: "Tha mi a' smaoineachadh gum bi e beagan doirbh faighinn cleachdte ris oir tha sinn gu math cleachdte ri bhith air na fònaichean ach tha mi a' smaointinn gum bi e nas fhasa ann am beagan mhìosan."
Tha sgoilearan nas sine leis an aon bheachd, nam measg Ali a tha na chaiptean-sgoile.
"Tha mi a' smaoineachadh gum bi daoine a' feuchainn ri cumail ris oir tha mi den bheachd gur e atharrachadh math a bhios ann do mhòran, mi fhèin nam measg, leis gu bheil mi a' smaoineachadh g' eil mi air a' fòn agam cus," thuirt e.
Casg air fònaichean do sgoilearan Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh24 An Dùbhlachd 2025
Gheibhear beachdan phàrantan mu fhònaichean an sgoiltean na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2025
"Tha sinn a' faicinn daoine òga a' bruidhinn ri chèile a-rithist"
- Air fhoillseachadh5 An t-Ògmhios 2025
Tha an caiptean-sgoile eile, Elle, ag ràdh nach eil a h-uile duine a' cur fàilte air a' phoileasaidh ùr ged "san ùine fhada, tha mi a' smaoineachadh gum bi buananchd mhòr na chois".
Thuirt i: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine a' call an cuid sgilean sòisealta agus comas bruidhinn ri chèile."
Tha Ian Adamson, ceannard na sgoile, a' gabhail ris gum "bi cuid nach bi cho deiseil na fònaichean aca a chur dheth neo an toirt seachad leis gu bheil cuid de na h-uidheaman seo gu math daor agus air leth cudromach dhaibh".

Tha Reactar Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis den bheachd gum bi sgoilearan taingeil airson leithid de phoileasaidh fhathast
Ach thuirt e gu bheil an casg mar phàirt den dleastanas a th' orra mar luchd-teagaisg a' chlann uidheamachadh airson an t-saoghail taobh a-muigh na sgoile agus an àite-obrach.
Thuirt e: "Tha luchd-fastaidh ag innse dhomh gu bheil iad ag iarraidh gum bi òigridh a' fàgail na sgoile le sgilean didseatach agus comas teicneòlas a chleachdadh ach nach eil iad ag iarraidh daoine òga a th' air am beò-ghlacadh neo a' crochadh cus air na fònaichean aca tron là oir tha sin a' faighinn san rathad air an àite-obrach.
"'S e an obair againn san sgoil a h-uile duine fhaighinn gu ìre far an gabh am fastadh," thuirt e.