Casg air fònaichean do sgoilearan Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Cha bhi fònaichean-làimhe ceadaichte anns an sgoil as motha air a' Ghàidhealtachd bhon Ghearran an ath-bhliadhna.
Thuirt Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis gu bheil cuid de chloinn air a bhith a' cleachdadh nam fònaichean aca anns a' chlas, a' clàradh sgoilearan eile agus cuideachd luchd-obrach gun chead.
Thèid iarraidh air sgoilearan na fònaichean aca fhàgail aig an taigh no an cur dheth.
Cha toir seo buaidh air cloinn a tha feumach air fòn mar thoradh air adhbharan meadaigeach.