Fear as coireach ri bàs duine a phut e air beulaibh ambaileans a bha a' dol

Dh'aidich Lewis Budge a chiont nuair a nochd e san Àrd-Chùirt ann an Glaschu
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach, 22, fhaighinn ciontach gun do dh'adhbharaich e bàs fireannaich eile le bhith ga phutadh san rathad air ambaileans a bha a' gluasad san Òban.
Phut Lewis Budge Raibeart Bromell don rathad aig Corran Esplanade an uairean beaga na maidne air an 6mh den t-Sultain 2023.
Chaidh Mgr Bromell, 39, a thoirt don ospadal agus e air fhìor dhroch leòn ach bhàsaich e an ath-latha.
An dèidh sgrùdadh nam poileas, chaidh Lewis Budge a chur an greim agus fo chasaid ann an co-cheangal ri a bhàs.
Dh'aidich e casaid gun do dh'adhbharaich e bàs aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu Diciadain. Thèid binn air aig àm eile.
Thuirt an t-Inspeactair Gerry Shovline bho Phoileas Alba gur e "ionnsaigh gun chiall agus uabhasach" a bh' anns na thachair.
Thuirt e gun robh an smuaintean le càirdean agus caraidean Mhaighstir Bromell, agus iad air call mòr fhulang.