Tòisichidh seirbheisean adhair eadar Inbhir Nis is Baile Átha Cliath às ùr

Baile Ath Cliath air an oidhche
Fo-thiotal an deilbh,

Chailll Inbhir Nis an t-seirbheis plèana a Bhaile Átha Cliath ann an 2024

  • Air fhoillseachadh

Tha seirbheisean adhair eadar Inbhir Nis agus Baile Átha Cliath a' dol a thòiseachadh às ùr sa Chèitean.

Bidh a' chompanaidh Èireannach Emerald Airlines a' ruith dà sheirbheis san t-seachdain, agus iad an dòchas gum bi iad a' freagairt air an dà chuid luchd-turais agus daoine a tha a' siubhal air sgàth an cuid obrach.

Tha dùil gun tòisich na seirbheisean air ais agus air adhart feasgar Diardaoin is feasgar Didòmhnaich, air an 21mh den Chèitean,

Sguir a' chompanaidh Albannach Loganair an t-seirbheis aca eadar an dà bhaile ann an 2024.

Tha aonta aig Emerald Airlines leis a' chompanaidh Èireannach nas motha Aer Lingus .

Thuirt manaidsear Port-Adhair Inbhir Nis, Dan Mason, gun robh e fìor mhath gum biodh na seirbheisean dìreach a' tilleadh.

Thuirt e gun robh e ag ath-stèidheachadh slighe a bha luchd-siubhail air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan ag ionndrainn.

"Chan e a-mhàin gu bheil an t-seirbheis seo a' ceangal na sgìre uair eile ri prìomh-bhaile na h-Èireann, tha i cuideachd a' toirt cothroim do luchd-siubhail a th' airson leantainn orra a dhol a dh'Aimeireaga a Tuath le seirbheisean Aer Lingus thar a' Chuain Shiar, nam measg New York agus Boston," thuirt Mgr Mason.

Thuirt Ian Lough, an ceannard coimeirsealta le Emerald Airlines, gun robh a' chompanaidh air an dòigh a bhith a' cur air bhonn na seirbheise ùire.

Tuilleadh air an sgeulachd seo