Teaghlach Canadianach nan uachdarain air Oighreachd Shlèite

Chaidh an oighreachd agus an caisteal a reic ris an teaghlach còmhla, ged a bha iad air a' mhargaidh fa leth
- Air fhoillseachadh
Chaidh teaghlach Canadianach ainmeachadh mar uachdarain ùra Oighreachd Cheann a Deas Shlèite agus Caisteal Armadail sa Eilean Sgitheanach.
Chuir Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill an oighreachd agus an caisteal air a' mhargaidh anns a' Mhàrt an-uiridh air prìs faisg air £9.5m, rud a dh'adhbhraich connspaid mhòr.
Dh'fhoillsich Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill an naidheachd mu na h-uachdarain ùra ann am brath air an làraich-lìn aca oidhche Ardaoin, ag ràdh gun robh iad toilichte gun deach aca air an oighreachd agus an caisteal a reic còmhla.
Tha dithis stiùirichean clàraichte aig a' chompanaidh, taobh a-muigh Oighreachd Armadail Earranta - Mìcheal Hutchison agus Annelise Hutchison.
Tha am BBC a' tuigsinn gur e athair agus nighean Chanadianach a th' annta.
"Teachdaireachd gu math soilleir - tha sinn ag iarraidh stad a chur air an reic"
- Air fhoillseachadh2 An Giblean 2025
"Deagh ghreis" mus bi fios cò a cheannaich Oighreachd Shlèite
- Air fhoillseachadh10 An t-Sultain 2025
Caisteal is oighreachd Armadail fo thairgse
- Air fhoillseachadh9 An t-Sultain 2025
Dh'innis iad sa bhrath-naidheachd gu bheil iad "moiteil a bhith nam buill de Chlann Dòmhnaill", 's gu bheil an teaghlach mothachail air cho cudromach 's a tha an oighreachd gu cultarail.
Tha dùil aca, thuirt iad, an oighreachd a chumail san teaghlach airson ginealaichean ri teachd, 's gu bheil glèidheadh dualchais, coimhead às dèidh na h-àrainneachd agus co-obrachadh le coimhearsnachdan aig cridhe am planaichean.

Bha togail fianais ann an Slèite an aghaidh reic na h-oighreachd
Cha bu bheag a' chonnspaid a bha an cois mar a chuir Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill an oighreachd agus an caisteal air a' mhargaidh.
Bha togail-fianais ann an Slèite, le muinntir an àite a' gearain nach deach rabhadh a thoirt don choimhearsnachd an toiseach.

Tha an Dr Andy Williamson ag ràdh gu mòran sa choimhearsnachd searbh mun dòigh san deach reic na h-oighreachd a làimhseachadh
Tha na h-uachdarain ùra air coinneachadh ri cuid ann an Slèite, buill na comhairle coimhearsnachd nam measg.
Tha cathraiche na buidhne, an Dr Andy Williamson, ag ràdh gu bheil iad uile toilichte gu ìre ach gu bheil "ceistean rim freagairt fhathast".
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine a' faireachdainn gu bheil linn ùr le spionnadh às ùr agus beachdan ùra gu bhith ann, ach chì sinn dè thachras," thuirt e.
Tha an Dr Williamson ag ràdh aig a' cheart àm gu bheil an dòigh san deach am fearann a chur air a' mhargaidh a' sealltainn gu bheil "easbhaidhean mòra sna structaran laghail a th' againn an Alba a bheir dìon air coimhearsnachdan agus airson dèiligeadh ri reic chnapan talamhainn mòra".
Thuirt e: "Cha deach ar beachdan iarraidh, cha robh sinn an sàs ann."

Tha Teàrlach MacGilleBhràith toilichte nach eil coltas ann gun tèid màl nan croitearan an-àirde
Chuir Teàrlach MacGilleBhrath, aig a bheil croit ann an Àird Shlèite, fàilte air an dearbhadh a fhuair BBC Naidheachdan bho na h-uachdarain ùra nach eil iad am beachd màl nan croitearan a chur suas.
"Chan eil an croitear bochd a' dèanamh mòran de ar sprèidh anns an là a th' ann an-diugh agus 's e rud math a th' ann nam biodh am màl air a chumail mar a bha e.
"Rud a tha mise a' cluinntinn gur e duine glè mhath a bhios ann dhan àite agus ma bhios e cho ma 's a bha na h-uachdaraIn mu dheireadh aig Clann Dòmhnaill, 's e duine glè mhath a bhios ann.
"Gu h-àraid ma nì e beagan beòthachd anns an sgìre seo, 's e rud math a bhios an sin.
"Feumaidh sinn 's dòcha luchd-turais fhaighinn, barrachd dhiubh tighinn a-nuas dhan cheann-sa dhen eilean," thuirt Mgr MacGilleBhràith.
Barrachd ùidh aig coimhearsnachd Shlèite ann an Caisteal Armadail
- Air fhoillseachadh8 An Giblean 2025
Ùidh aig teaghlach Aimeireigeanach an Caisteal Armadail
- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal 2025
Dh'iarr an t-Urras £6,750,000 air an oighreachd, agus £2,760,000 air a' chaisteal, na gàrraidhean agus an taigh-tasgaidh a tha na chois.
Chaidh a' chùis a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba agus Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn ga dheasbad.
Tha mòran bhall aig Clann Dòmhnaill gu h-eadar-nàiseanta, gu h-àraid anns na Stàitean Aonaichte, agus thog cuid dhiubh sin an guthan agus iomagain orra mu na dh'fhaodadh tachairt don oighreachd.
Dhearbh Urras Coimhearsnachd Shlèite anns an Lùnastal an-uiridh nach cuireadh iadsan tairgse a-steach airson an oighreachd agus an caisteal a cheannach.
Tha ceist ann dè dìreach a tha an naidheachd as ùire a' ciallachadh do mhuinntir cheann a deas Shlèite.
"Misneachd is lèirsinn ùr"
Chuir BBC Naidheachdan ceistean air a' chompanaidh ùir, agus fhreagair iad nach biodh call obrach sam bith ann, ged nach do dh'innis iad cia mheud duine a tha ag obair aig an oighreachd an-dràsta.
Thuirt iad nach atharraich na h-aontaidhean màil aig croitearan na h-oighreachd idir, 's gu bheil iad a' coimhead air adhart ri bhith ag obrachadh còmhla ris na croitearan, 's gu bheil spèis aca dhaibh.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad an dòchas "misneachd agus lèirsinn ùr" a thoirt don sgìre.
Anns a' bhrath a chaidh fhoillseachadh air làrach-lìn an Urrais, chaidh a mhìneachadh gum bi an t-Urras an urra ri Taigh-tasgaidh Chlann Dòmhnaill co-dhiù gu deireadh 2026 gus an tèid a ghluasad gu làraich ùir.