Naidheachdan 10:00m

Robert Jenrick

Thuirt rùnaire ùr dùbhlanach a' cheartais, Nick Timothy, gu bheil am mòr-shluagh sgìth de chealgaireachd ann am poilitigs, 's gun gluais am Partaidh Tòraidheach air adhart. Bha e a' bruidhinn an dèidh mar a chaidh Robert Jenrick a chur às a' Phartaidh Thòraidheach an-dè, beagan uairean mus do ghluais e gu Reform UK. Thuirt ceannard nan Tòraidhean Kemi Badenoch gun robh fianais shoilleir aice gun robh e air a bhith ag ullachadh gu dìomhar airson gluasad gu Reform. A' sgrìobhadh anns an Telegraph, thuirt Mgr Jenrick gu bheil am Partaidh Tòraidheach briste 's nach gabh e càradh.

Slèite

Chaidh teaghlach Canadianach ainmeachadh mar uachdarain ùra air Oighreachd Cheann a Deas Shlèite agus Caisteal Armadail san Eilean Sgitheanach. Chuir Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill an oighreachd agus an caisteal air a' mhargaidh an-uiridh - rud a dh'adhbharaich connspaid mhòr san sgìre. 'S iad Mìcheal Hutchison agus Annelise Hutchison, a tha le chèile à Canada a tha ainmiche mar stiùirichean na companaidh a bhios a' ruith na h-oighreachd - Oighreachd Armadail Earranta. Thuirt iad gu bheil iad an dùil an oighreachd a chumail san teaghlach airson ghinealaichean ri teachd. Dh'innis iad do BhBC Naidheachdan nach caill duine de luchd-obrach na h-oighreachd an cosnadh agus nach tèid aontaidhean màil nan croitearan atharrachadh idir.

Dòmhnall Trump

Thug ceannard dùbhlanach Bhenesuèla, Maria Corina Machado, an Duais Sìthe Nobel aice seachad don Cheann-suidhe Trump, aig coinneimh san Taigh Gheal. Thuirt i gun tug i dha e airson a thaic do shaorsa Bhenesuèla. Thug Mgr Trump taing dhi air na meadhanan-sòisealta ach cha tug e a thaic dhan iomairt aice airson a bhith na ceannard air Bhenesuèla, an dèidh do dh'fheachdan nan Stàitean Aonaichte Nicolás Maduro, a bha na cheann-suidhe, a chur an grèim toiseach na mìos.

Bàt-aiseig

Chaidh bàta-aiseig ùr airson slighean Ìle agus Diùra a thoirt seachad do CMAL aig cuirm anns an Tuirc. 'S i an MV Isle of Islay a' chiad tè de cheithir bàtaichean-aiseig a tha gan togail aig gàrradh Cemre ann an Yavlova san Tuirc. Bheir criutha ChalMac a-nis mu chola-deug ga seòladh a dh'Alba. Gabhaidh i mu 450 luchd-turais, mu 100 charbad no 14 làraidhean.

Baile Átha Cliath

Tòisichidh seirbheisean adhair gu dìreach eadar Inbhir Nis agus Baile Átha Cliath às ùr nas fhaide den bhliadhna. Tha a' chompanaidh Aer Lingus Regional, a th' air a ruith le Emerald Airlines, gus an t-seirbheis a thòiseachadh air an 21mh là den Chèitean. Bidh i ann dà thuras san t-seachdain - Diardaoin agus Didòmhnaich - agus iad air an cur air dòigh, tro sheusan an t-Samhraidh, airson coinneachadh ri seirbheisean air adhart gu ruige New York agus Boston. Bha Loganair roimhe a' ruith sheirbheisean air an t-slighe, ach thàinig sin gu ceann ann an 2024.