Bàs triùir air an Aonach Eagach - "tuisleadh an t-adhbhar a bu choltaiche"

Bhàsaich an triùir shreapadairean air an Aonach Eagach ann an Gleann Comhann
- Air fhoillseachadh
Tha e coltach gun do bhàsaich triùir shreapadairean a bh' air an ceangal ri chèile le ròpannan nuair a chaill duine aca neo iad uile an grèim air a' chreig 's iad air aonach beinne, a rèir siorraim a bha an ceann sgrùdaidh air am bàis.
Bhàsaich am fear-iùil beinne David Fowler, 39, agus na sreapadairean Graham Cox, 60, agus Hazel Crombie, 64, 's iad a' sreap air an Aonach Eagach ann an Gleann Comhann san Lùnastal 2023.
Chuala an sgrùdadh sa Ghearasdan bho bhuill de choimhearsnachd sreap na h-Alba mu mar a tha an t-aonach.
Thuirt an Siorram Niall MacUilleim gun robh an sgrùdadh a' faireachdainn pearsanta dha, leis gum bi e fhèin ri sreap, agus thug e taing do na sreapadairean airson na fianais "o chridhe" a thug iad seachad.
Anns a' cho-dhùnadh aige, thug an siorram iomradh air mar a bhàsaich an triùir ri linn iomadh lot.
B' e a b' adhbhar dha na thachair, a rèir choltais, gun do thuislich duine aca, no gun do thuit iad, agus nach robh dad a ghabhadh dèanamh gu reusanta airson stad a chur air.
Spreapadair a bhàsaich air an Aonach Eagach air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh11 An Lùnastal 2023
Dùil ri FAI air bàs thriùir shreapadairean an Gleann Comhann
- Air fhoillseachadh6 An Cèitean 2025
Dearbhadh air aoisean nan sreapadairean a bhàsaich an Gleann Comhann
- Air fhoillseachadh10 An Lùnastal 2023
"Bu mhath leam mo cho-fhaireachdainnean a thoirt do theaghlaichean an triùir a bhàsaich," thuirt Mgr Wilson.
"Tha e follaiseach gun robh gràdh aig daoine air David Fowler, Graham Cox agus Hazel Crombie, agus gu bheil ionndrainn mòr orra."
Tha sreapadairean eòlach air an Aonach Eagach, air am bi mòran a' tadhal, mar àite "fosgailte" air a bheil earrannan far am feumar sgràmaladh - a bhith a' cleachdadh nan làmhan a bharrachd air na casan airson faighinn tarsainn air talamh doirbh.
Tha sreath de mhullaichean air an Aonach Eagach, le Sgòrr nam Fiannaidh air an fhear as àirde, aig 967m (3 172tr).
Chaidh dragh a nochdadh mun triùir shreapadairean an dèidh mar a dh'fhaillich orra tilleadh on bheinn air a' 5mh là den Lùnastal 2023.
Chaidh heileacoptair nam Maor-Cladaich a chur a-mach gan sireadh ann an ceò, mus deach na cuirp fhaighinn an ath là.
Chuidich sgioba teasairginn beinne Ghlinne Chomhann san iomairt.