Dearbhadh air aoisean nan sreapadairean a bhàsaich an Gleann Comhann

An t-Aonach EagachTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

'S e boireannach aois 64 agus dithis fhear aois 60 agus 39 a bhàsaich is iad a' sreap air an Aonach Eagach air an deireadh-sheachdain.

Chaidh na Maoir-Chladaich agus sgiobaidhean teasairginn nam beann a ghairm oidhche Shathairne an 5mh den Lùnastal leis nach do thill triùir ris an robh dùil, is iad a' coiseachd air an Aonach Eagach ann an Gleann Comhann.

Chaidh cuirp nan sreapadairean a lorg tràth madainn Didòmhnaich.

B' e Oifis a' Chrùin a dhearbh aoisean nan sreapadairean.

Dh'innis na Poilis nach eil iad a' foillseachadh ainmean nam marbh aig an àm a tha seo is na teaghlaichean ag iarraidh prìobhaideachd.

Doirbh

Dh'innis an fheadhainn a bha an sàs san iomairt èiginn cho doirbh 's a bha cùisean.

Lorg dithis bho Sgioba Theasairginn Ghleann Comhann na sreapadairean tràth madainn Didòmhnaich agus dhearbh iad gun robh iad marbh.

Ach leis an dorchadas agus an talamh corrach b' fheudar dhan luchd-teasairginn tilleadh ann an solas an là airson na cuirp a thoirt far na beinne.

Thuirt na Poilis gun robh an t-sìde fìor dhuillich aig an àm le ceò is sgleò.