Seachdain na Gàidhlig "a' dol bho neart gu neart"

- Air fhoillseachadh
Chaidh clàr-ama Seachdain na Gàidhlig fhoillseachadh is an fheadhainn air a cùlaibh ag ràdh gu bheil i a' sìor fhàs.
Bidh Seachdain na Gàidhlig 2026 ann eadar an 23mh den Ghearran agus a' 1d den Mhàrt.
'S e seo an còigeamh turas a bhios an t-seachdain shònraichte ann.
'S e Cleachd i no Caill i an cuspair na bliadhna seo is an sgioba ag ràdh gun cùm iad taic ri 63 pròiseact is tachartas, agus gu bheil iad an dùil gum bi na ceudan de thachartasan eile a' dol tron t-seachdain cuideachd.
Am measg dìreach cuid de na bhios ann bidh Fèis Fhiolmaichean Gàidhlig air Taobh Siar Rois is fiolmaichean gu bhith air an craoladh ann an tallaichean coimhearsnachd na sgìre.
Seachdain na Gàidhlig ga cur air bhog
- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain 2021
Seachdain na Gàidhlig air tòiseachadh
- Air fhoillseachadh21 Am Màrt 2022
Seachdain na Gàidhlig 2024 ga foillseachadh
- Air fhoillseachadh15 Am Faoilleach 2024
Bidh a' Ghàidhlig air an sgrìn ann an Earra-Ghàidheal cuideachd is cèilidhean filmichean teaghlaich aig a' bhuidhinn Sgrìn Earra-Ghàidheal ann an Tiriodh agus Muile.
Cuiridh Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil ann an Leòdhas seiseanan cluiche is coiseachd eadar-ghinealach air dòigh eadar clann, pàrantan, luchd-glèidhidh agus seann-daoine.
Bidh seisean air-loidhne aig Sreap Alba a mhìnicheas ainmean-àite dhan fheadhainn a choisicheas sna beanntan, is bidh Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an Ratharsair 'son bùth-obrach mu bhriathrachas an uisge, a' toirt sùil air beartas nam facal Gàidhlig a bhuineas do dh'aimsir fhliuch.
Mar phàirt den t-seachdain cuideachd bidh Là Abairt na Gàidhlig ann Diardaoin an 26mh den Ghearran.
Tha cothrom cuideachd aig daoine is buidhnean na tachartasan aca fhèin a chur air dòigh aig ìre na coimhearsnachd.
'Ceanglaichean gun Chrìch' - Seachdain na Gàidhlig 2025 air fàire
- Air fhoillseachadh24 An t-Sultain 2024
Seirbheisean Poblach tron Ghàidhlig ann an Sgìrean Cànain Sònraichte
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach
"Comharraichidh Seachdain na Gàidhlig an cànan mar rud beò, a' sealltainn dhuinn gu bheil i fragarrach agus cudromach fhathast agus gu bheil sìor-fhàs a' tighinn air an fhèill air a' chànan," thuirt Joy Dunlop, ceannard Seachdain na Gàidhlig.
"Chan eil e gu diofar a bheil thu fileanta, ga h-ionnsachadh no mura h-eil agad ach ùidh sa chànan – bidh Seachdain na Gàidhlig na deagh chothrom a dhol an sàs innte, a chomharrachadh an dualchais mhòir aice agus a dhearbhadh gum bi àite aice ann an Alba san àm ri teachd."
Tha an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis ag ràdh gur e clach-mhìle a th' ann gur e seo a' chiad turas a bhios Seachdain na Gàidhlig ann bho chaidh Achd nan Cànanan Albannach dhan lagh.
Chuir buill Holyrood taic ris as t-samhradh an-uiridh.
"Tha Seachdain na Gàidhlig fhathast a' dol bho neart gu neart, agus tha ùidh nach robh ann a-riamh roimhe ann am prògram na bliadhna seo," thuirt a' Bh-Ph Fhoirbeis.
"Tha seo a' sealltainn gu bheil an dealas a thaobh na Gàidhlig a' fàs air feadh na h-Alba agus thall-thairis."
Gheibhear liosta shlàn de thachartasan Seachdain na Gàidhlig an seo, taobh a-muigh.