Atharrachaidhean a dhìth air Bile na Croitearachd a rèir BPA nan Eilean Siar

Clàr bhuntàt' ann am BhatarsaighTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thuirt ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba gum bi e a' sireadh atharrachaidhean ri Bile na Croitearachd 's e a-nis air an dàrna ìre a ruighinn.

Chuir Alasdair Allan fàilte air "iomadach rud a dhèanadh e beagan nas sìmplidh ann an saoghal gu math toinnte laghan croitearachd", ach dh'iarr e cuideachd gum bi laghan nas sìmplidh buileach ann san àm ri teachd.

Am measg na tha am Bile as ùire seo a' moladh tha gum bi mìneachadh soilleir ann air 'Coimhearsnachd croitearachd' agus 'croitear-seilbhe', agus cuideachd gum bi dà bhuidhinn, Cùirt Fearainn na h-Alba gus Tribiunal an Fhearainn a' dol còmhla.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu na thathar a' moladh sa Bhile air làraich-lìn Pàrlamaid na h-Alba., taobh a-muigh

Tha Mgr Allan ag ràdh gur e ceum cudromach air adhart a th' anns a' Bhile ach gun gabhadh e neartachadh fhathast.

"Ma tha e a' nochdadh gu bheil cuideigin a' feuchainn ri croit a cheannach mar chroitear-seilbhe agus chan eil iad a' fuireach faisg air an àite gum bi siostam ann a dhèiligeadh leis an sin," thuirt e.

Tha Mgr Allan air gabhail ris "nach bi am Bile seo a' dèiligeadh ris a h-uile trioblaid a th' ann ann an saoghal na croitearachd".

"Tha trioblaid mhòr le croitean a tha bàn far nach eil duine sam bith ag obrachadh an fhearainn agus, leis an fhìrinn innse, tha feum ann gum bi Coimisean na Croitearachd a' dèiligeadh ris an sin."

Thèid am Bile a-nis a sgrùdadh le Comataidh nan Cùisean Dùthchail agus nan Eilean.

Tha dùil aig Mgr Allan, ge-tà, gum bi Bile ùr eile a' dol tron ath-phàrlamaid a bhios ann an Holyrood.

Thuirt e gur e an trioblaid a th' ann le laghan croitearachd gu bheil mu leth dhusan Achd ann, cuid a tha 150 bliadhna de dh'aois.

'S e bu mhiann le Mgr Allan san àm ri teachd "aon Achd a bhith ann a tha a' dèiligeadh ris a h-uile rud san aon àite".