"Ath-sgrùdadh agus reachdas ùr a dhìth 'son Bile na Croitearachd"

Taighean croite agus caoraichTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chuir comataidh aig Holyrood taic ri prionnsabalan Bile ùr na Croitearachd 's Cùirt an Fhearainn, ach dh'iarr iad gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh 's reachdas ùr a chur air adhart an ath-bhliadhna.

Tha am bile ag amas air atharrachaidhean a thoirt air lagh na croitearachd, agus cuideachd Cùirt Fearainn na h-Alba a chur còmhla ri Tribubal Fearainn na h-Alba.

Thuirt Comataidh nan Cùisean Dùthchail agus Eileanach gun robh aonta san fharsainneachd ann gun deadh "ath-sgrùdadh bunaiteach agus structarail" a dhèanamh air poileasaidh agus lagh na croitearachd.

Chuir iad ìmpidh air an ath riaghaltas a bhios ann an dèidh taghadh na h-ath-bhliadhna an t-ath-sgrùdadh sin a dhèanamh agus coimhead ris a' chùis às ùr.

"'S e bile feumail a th' ann, san t-seagh 's gum bu chòir gun cuidich na h-atharrachaidhean a tha e a' cur air adhart ùrachadh agus ath-nuadhachadh a thoirt air cuid de lagh na croitearachd a chùm buannachd chroitearan agus choimhearsnachdan croitearachd," thuirt fear-gairm na comataidh, Fionnlagh Carson BPA.

"Ach tha e soilleir gu bheil iarrtas dha-rìribh ann airson an tuilleadh ath-leasachaidh ach am bi poileasaidh agus lagh na croitearachd comasach air an taic as fheàrr a ghabhas a thoirt do chroitearan agus an coimhearsnachdan san àm ri teachd.

Thadhail a' chomataidh air an Eilean Sgitheanach mar phàirt den sgrùdadh a rinn iad air a' bhile airson beachdan fhaighinn bho chroitearan.

Thuirt Mgr Carson gur e turas air leth feumail a bha sin is gun do dh'ionnsaich na buill na h-uimhir.

Chuir aithisg na comataidh fàilte air "ath-fhòcas" Choimisean na Croitearachd air cur an sàs dleastanasan chroitearan - gum bu chòir dhaibh fuireach air a' chroit 's a h-obrachadh - leis gun deach a' chùis sin a thogail anns gach còmhradh agus seisean fianais co-cheangailte ris a' bhile.

Tha a' chomataidh taiceil gu h-àraid do dh'atharrachaidhean a dh'fhàgadh e nas fhasa do chroitearan am fearann aca a chleachdadh airson sgeamaichean àrainneachdail, ach thuirt an aithisg gu bheil e riatanach gun tèid riaghailtean a chur an gnìomh.

Fhuair molaidhean sa bhile airson a dhèanamh nas fhasa croit a thoirt seachad do bhall-teaghlaich cuideachd taic na comataidh, mar dhòigh air òigridh a thoirt a-steach gu croitearachd.