Taic ach ceist no dhà fhathast mu Bhile na Croitearachd

- Air fhoillseachadh
Bha Bile ùr na Croitearachd air clàr coinneimh thar-phàrtaidh na croitearachd aig Holyrood, a chaidh a chumail air-loidhne oidhche Mhàirt.
Tha coltas gu bheil a' mhòr-chuid a' cur taic ri na molaidhean, ach tha ceist neo dhà fhathast a' leantainn a thaobh a bhith a' ceannach chroitean gu h-àraidh.
Bha Ministear an Àiteachais, Jim Fairlie, an làthair airson èisteachd riutha sin.
Rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle air a' bhile as t-samhradh.
Tha am bile ag amas air leasachadh a thoirt air laghan croitearachd, 's an Riaghaltas ag ràdh gun dèan e croitearachd seasmhach san àm ri teachd.
Am measg nan cuspairean air an deach beachdan a shireadh, taobh a-muigh bha mar a gheibh daoine air tòiseachadh ann an croitearachd, coimhearsnachdan croitearachd agus a bhith a' cleachdadh an talamh-ionaltraidh.
Chaidh beachdan iarraidh cuideachd air mar a ghabhas riaghailtean mu bhith a' fuireach faisg air, no air a' chroit a neartachadh, agus cuideachd mu chumhachdan a bharrachd do Choimisean na Croitearachd.
Bha an croitear Dòmhnall Macsuain, air a' choinneimh Dimàirt.
Thuirt e gun robh Mgr Fairlie ag èisteachd ri beachdan a bh' aig daoine agus gun robh e follaiseach gun robh e fhathast ag ionnsachadh mu chroitearachd.
"Bha gu leòr aige ri ràdh mu cho taiceil sa tha e dha croitearachd agus mar a tha e a' faicinn na buannachd a-mach à croitearachd. Tha sin ceart gu leòr a bhith ga ràdh. 'S e a bhith ga shealltainn nuair a thig e gu na co-dhùnaidhean a bhios iad a' dèanamh," thuirt e.
Thuirt Mgr Fairle riutha cuideachd gun robh e airson a dhol suas dha na h-eileanan agus coinneachadh ri croitearan.

A thuilleadh air a bhith a' cluinntinn bho Mhgr Fairlie chuala a' choinneamh cuideachd bho bhuidhinn a rinn sgùdadh air a' cho-chomhairle a rinnear air a' bhile.
Thuirt iad gun robh taic ga cur san fharsaingeachd ris a' mhòr-chuid de na puingean.
'S e dìreach dhà no thrì phuingean far an robh an taic nas lugha na 50%.
Bha Mgr Macsuain aig a' choinneimh co-chomhairle a chumar ann an Steòrnabhagh as t-samhradh cuideachd: "Tha ceistean fhathast aig daoine mu fhiosrachadh mionaideach agus dè a tha a' dol a thighinn a-mach às. A bheil a h-uile càil a tha a' dol a thighinn a-mach às a seo, a bheil e a' dol a dhèanamh eadar-dhealachadh?"
"Tha daoine an ìre mhath taiceil dha na rudan a th' ann, ach fhathast, tha ceistean gan togail mu carson nach deach rudeigin a chur dhan bhile airson feuchainn ri smachd fhaighinn air a' phrìs air a bheil daoine a' reic lotaichean."
"Tha sin cho deatamach agus a' toirt buaidh air a h-uile seòrsa rud ann an croitearachd. Gun sin ann, dè am feum anns a h-uile càil eile?"
Thuirt Mgr Macsuain gun robh a bhith a' cleachdadh fearainn mar dhòigh air iasad fhaighinn air aon de na rudan far nach robh daoine buileach cho taiceil agus dragh ann gun toireadh sin buaidh air prìs nan croitean.
Thuirt Mgr Macsuain cuideachd gun robh beachd gu math làidir aig a' choinneimh Dimàirt gu bheil còir fios a bhith aig daoine nuair a tha croitean gan reic airson cothrom a thoirt dhaibh gearan a thogail.
Ged a tha sanasan gan cur ann am pàipearan-naidheachd dh'iarradh esan gun deadh fios a chur gu daoine sa bhaile leis nach eil uimhir de dhaoine a' leughadh phàipearan sa là a th' ann.