Co-chomhairleachadh air Bile ùr na Croitearachd a' tighinn gu ceann

- Air fhoillseachadh
'S e Diluain an là mu dheireadh 'son beachdan a chur ri co-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air laghan croitearachd.
Tha an Riaghaltas ag radh gu bheil iad, am measg rudan eile, 'son cùisean a dhèanamh nas fhasa agus nas simplidh do chroitearan.
Chaidh sreath de choinneamhan a chumail ann an sgìrean croitearachd airson beachdan a thrusadh.
Thuirt fear de stiùirichean Chaidreachas Croitearachd na h-Alba, Pàdruig Moireasdan, gu bheil iad air a bhith a' strì 'son grunn bhliadhnaichean gus ùrachadh a thoirt air laghan croitearachd.
"Tha sinn taingeil gu bheil rudeigin a' tighinn mu dheireadh thall, agus gu bheil cothrom ann beagan adhartais a dhèanamh co-dhiù.
"Bhiodhamaid ag iarraidh cus a bharrachd na tha againn anns a' cho-chomhairleachadh an-dràsta a thaobh a' bhile.
"Chan eil an t-uabhas ann a nì an t-uabhas de dhiofar, chan eil ann ach rudan beaga.
"Ach gun teagamh, tha sinn toilichte gur e ceum beag adhartais a th' ann gun teagamh agus tha feum air a leithid", thuirt Mgr Moireasdan.
Fear de stiùirichean Chaidreachas Croitearachd na h-Alba, Pàdruig Moireasdan, a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan.
'Deatamach' gun toir croitearan beachd do cho-chomhairleachadh
- Air fhoillseachadh2 An Lùnastal 2024
Tha Bile ùr na Croitearachd ag amas air leasachadh a thoirt air laghan croitearachd, 's an Riaghaltas ag ràdh gun dèan e croitearachd seasmhach san àm ri teachd, 's gun cur e ri iomadachd agus ùr-ghnàthachadh na croitearachd.
Am measg nan cuspairean a tha ri co-chomhairleachadh, tha:
mar a gheibh daoine air tòiseachadh ann an croitearachd
coimhearsnachdan croitearachd
cleachdadh an talamh ionaltraidh
mar a ghabhas riaghailtean mu bhith a' fuireach faisg air no air a' chroit 's a bhith ga cleachdadh a neartachadh
cumhachdan a bharrachd don Choimisean.
Dùinidh a' cho-chomhairleachadh air an 2na den t-Sultain.