"Tha mi a' cleachdadh mo ghuth air sgàth 's gum biodh mo mhàthair a' cleachdadh a guth sa"

Muireann Bhochanan
LeAilean Peutan
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Bhòtaidh buill Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo air bile a leigeadh le inbhich le tinneas mharbhtach taic iarraidh le crìoch a thoirt air am beatha.

Tha Muireann Bhochanan à Gallaibh am measg na tha e a' cur taic ris a' bhile. Tha i air a bhith ag innse do BhBC Naidheachdan gum biodh a màthair, a chaochail le aillse aig aois 60, air roghnachadh bàs le taic.

Ach tha feadhainn eile air draghan mòra a thogail mun bhile. Nam measg tha Donnie Dòmhnallach san Eilean Sgitheanach, a tha a' fulang le aillse fala nach gabh leigheas. Gheibhear sgeulachd Donnie an seo.

Tha Muireann Bhochanan cho coltach ri a màthair nach maireann 's gum bi i a' smaointinn oirre gach uair a bhios i a' coimhead san sgàthan.

Anns na seachd mìosan deug bho chaochail Ceit Bhochanan bho aillse aig aois 60, tha Muireann air fàs nas mothachaile air a' bhuaidh thug a màthair oirre, ann an dòighean beaga is mòra.

An t-seachdain seo tha i a' dèanamh luaidh oirre le bhith a' cur a guth ri iomairt gus toirt air luchd-poiletaigs bàs le taic a cheadachadh ann an Alba.

"Chan eil mi airson 's gum faic duine sam bith eile pàrant, no cuideigin air a bheil gaol aca, ann am pian aig deireadh am beatha," thuirt Muireann.

"Tha mi a' cleachdadh mo ghuth air sgàth' s gum biodh mo mhàthair a' cleachdadh a guth sa".

Tè le speuclairean, is falt meadhanach-ghoirid liath, le gàire air a h-aodann, na seasamh ann an gàrradh togalach phoblach Tùs an deilbh, Muireann Bhochanan is a teaghlach
Fo-thiotal an deilbh,

Ceit Bhochanan 's a 'gruag-chemo' oirre ann an 2024

Thogadh Muireann, a dithis bràithrean is dithis pheathraichean, ann an Gallaibh.

'B e daonnaire - humanist - a bh' ann an Ceit, dèidheil air an t-saoghal nàdarra, agus gu mòr 'son litreachas is ealain a bhrosnachadh na cuid cloinne.

'S i a phut a' chomhairle ionadail gus cothrom air foghlam Gàidhlig fhaighinn do Mhuireann cuideachd.

Bha i ag obair na neach-obrach sòisealta nuair a bha Muireann òg.

"Ged is e obair chruaidh a th' ann, bha e a' còrdadh rithe a bhith a' cuideachadh dhaoine aig amannan doirbh dham beatha," thuirt Muireann.

"Tha mi a' smaoineachadh gur ann air sgàth sin a thòisich i na daonnaire cuideachd - agus a bhith ag obair na Neach-fèille Daonnaire.

"Bha mo mhàthair a' creidsinn nach eil ach aon bheatha againn, chan eil beatha às dèidh ar beatha air an t-saoghal seo.

"Mar sin, an rud as cudromaiche 's e a bhith coibhneil ri càch a chèile fhad 's a tha sinn an seo."

Muireann is a màthair, 2 is mu 37, aig àm na Nollaig aig an taigh ann an GallaibhTùs an deilbh, Muireann Bhochanan is an teaghlach
Fo-thiotal an deilbh,

Muireann, 2, is a màthair, mu 37, aig àm na Nollaig aig an taigh ann an Gallaibh

Bhiodh an fheallsanachd seo cudromach do Cheit nuair a thàinig aillse oirre ann an 2023.

"Fhuair i lorg air cnap na broilleach," thuirt Muireann.

"Agus aig an toiseach bha sinn car toilichte, ann an dòigh, air sgàth 's gun tuirt an dotair gun d' fhuair i lorg air tràth."

Bhathas an dùil nach biodh ach obair-lannsa a dhìth 's nach feumadh a màthair ceimeo-theiripe fhaighinn.

Ach taobh a-staigh beagan sheachdainean, thàinig fiosrachadh a bha na bhuille uabhasach dhan teaghlach air fad.

Bha an aillse fada nas miosa na bhathas an dùil - mar-tha aig ìre a ceithir.

B' e tinneas bàsmhòr a bh' ann a-nis.

"Bha e gu math doirbh sin fhaighinn a-mach, às dèidh faighinn a-mach gun robh aillse oirre, ach gum biodh i ceart gu leòr.

"Bha e gu math doirbh faighinn a-mach nach b' ann mar sin a bha e tuilleadh."

Ceit a' togail fianais aig co-labhairt an SNP ann an 2024, dìreach seachd seachdainean mus do chaochail i Tùs an deilbh, Muireann Bhochanan is teaghlach
Fo-thiotal an deilbh,

Ceit a' togail fianais aig co-labhairt an SNP ann an 2024, dìreach seachd seachdainean mus do chaochail i

A dh'aindeoin a slàinte, chaidh màthair Muireann an sàs ann a bhith ag iomairt airson bàs le taic a cheadachadh ann an Alba.

Bhruidhinn i fiù 's ri buill phàrlamaid Albannach agus buill an SNP aig co-labhairt a' phartaidh san Lùnastal 2024 - dìreach seachd seachdainean mus do chaochail i.

"Nuair tha sibh a' deasbad a' chuspair," thuirt Ceit ris an fheadhainn bha an làthair, "smaoinichibh ormsa agus air mo theaghlach - agus na ceudan theaghlaichean eile a tha san aon shuidheachadh."

Cha do chuir seo iongnadh air Muireann is a teaghlach idir.

"Bha i an-còmhnaidh mar seo," thuirt i.

"Bhiodh i an-còmhnaidh airson fianais a thogail mu rudan a bha cudromach dhi - agus rudan a bha i a' creidsinn a bhiodh cudromach do dhaoine eile."

Co-là-breith Ceit ann an 2024 is i 60 bliadhna a dh'aois, a' togail airgid airson na h-ospais far an do chosg i an t-seachdain mu dheireadh aiceTùs an deilbh, Muireann Bhochanan is teaghlach
Fo-thiotal an deilbh,

Co-là-breith Ceit ann an 2024 is i 60 bliadhna a dh'aois, a' togail airgid airson na h-ospais far an do chosg i an t-seachdain mu dheireadh aice

"Àm gu math doirbh"

Cha robh bàs le taic ceadaichte ge-tà, nuair a thàinig Ceit gu deireadh a beatha.

"'S e àm gu math doirbh a bh' ann dhan teaghlach," thuirt Muireann.

"Cha robh i airson a bhith ann am pian aig deireadh a beatha.

"Sin an rud as motha a bh' aice, cha robh i airson a bhith ann am pian, agus cha robh i airson 's gum faiceadh sinne, a clann, is m' athair, ise ann am pian.

"Ach bha i."

Chuir màthair Muireann seachad an t-seachdain mu dheireadh aice ann an ospais.

"Ged a bha an luchd-obrach mìorbhaileach, cho coibhneil 's cho tuigseach, cha robh an comas aca pian a stad."

Chuir Muireann seachad còig làithean ri taobh leabaidh a màthar.

"Bha sin gu math cruaidh, a bhith ga faicinn ann am pian," thuirt i.

Nam biodh an roghainn aig a màthair air bàs le taic, thuirt Muireann, 's e roghainn a th' ann a bhiodh i air gabhail.

Teaghlach Ceit Bhochanan ann an 2017Tùs an deilbh, Muireann Bhochanan is teaghlach
Fo-thiotal an deilbh,

Teaghlach Ceit Bhochanan ann an 2017

Ged a tha i fhìn a' togail a guth, mar a rinn a màthair, tha Muireann ag aithneachadh cho doirbh 's a tha an cuspair do chuid.

Pàirt den adhbhar air cùl seo, tha i den bheachd, 's e an t-eagal a th' aig mac an duine ro bhàs fhein.

"Tha e doirbh a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn bàs," thuirt i.

"Tha fios agam air an sin, oir a h-uile uair a bhios mi a' bruidhinn mu mo mhàthair, tha agam ri bruidhinn mu dheidhinn bàs cuideachd."

B' fheàrr leatha gum biodh an roghainn ann do ghach neach co-dhùnadh pearsanta a dhèanamh.

"Tha mise airson 's gum bi smachd againn air ar bodhaigean fhèin," thuirt Muireann.

"Chan fheum sin a bhith air a thoirt air falbh bhuainn aig deireadh ar beatha."

Tha dùil ris a' bhòt mu dheireadh air Bile Bàs le Taic do dh'Inbhich le Tinneas Mharbhtach ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Tha taic ri fhaighinn aig Loidhne Gnìomha a' BhBC.

Tuilleadh air an sgeulachd seo