NHS nan Eilean Siar fo chasaid gu bheil iad "a' cur beatha dhaoine an cunnart"

Tha an Comhairliche Coinneach MacIllEathain ag iarraidh sgrùdadh poblach neo-eisimeileach air modhan-obrach NHS nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh
Rinn NHS nan Eilean Siar dìon làidir air an obair an dèidh do chomhairliche fàgail orra gu bheil iad a' cur slàinte agus beatha dhaoine anns na h-eileanan ann an cunnart.
Thuirt fear de chomhairlichean Bharraigh is Bhatarsaigh, Coinneach MacIllEathain, gu bheil suarachas agus cion dèiligeadh le suidheachaidhean èiginneach am measg na thug air litir a sgrìobhadh gu grunn bhuill-phàrlamaid.
Tha e cuideachd a' cur às leth an ùghdarrais slàinte gu bheil cultar ann a tha a' seachnadh clàradh reachdail a dhèanamh agus ionnsachadh an dèidh tachartas trom-chùiseach.
Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil mearachdan, casaidean gun bhrìgh, agus cunntasan nach eil crìochnaichte anns an litir.
Astar 's cosgais a' sàrachadh euslaintich Bharraigh
- Air fhoillseachadh22 Am Faoilleach 2025
Tha an Comhairliche MacIllEathain ag ràdh gun do bhruidhinn e ri euslaintich, luchd-obrach agus gun do rinn e grunn iarrtasan fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh mus do sgrìobh e an litir.
Tha e a' cumail a-mach gun cuala e grunn chunntasan far a bheil daoine air "làimhseachadh uabhasach fhulang tron t-seirbheis slàinte".
Tha an litir ag ràdh: "Chunnaic mi lùghdachadh sna seirbheisean slàinte, gu math tric air sgàth 's mar a tha luchd-obrach den bheachd gu bheil an t-àite-obrach air a dhèanamh cho mi-chàileir 's gu bheil iad a' faireachdainn gu bheil droch-dhìol ga dhèanamh orra, neo nach eil dol às aca ach falbh."
"Sgrùdadh poblach neo-eisimeileach" a dhìth
Tha e a' cur às leth Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar nach eil siostaman mar bu chòir aca far an tèid rannsachadh a dhèanamh ma thèid cùisean ceàrr gus an gabh ionnsachadh bho mhearachdan.
Tha Mgr MacIllEathain air an litir a chur BPA agus BP nan Eilean Siar, do neach-labhairt slàinte a h-uile pàrtaidh aig Holyrood, agus do gach ball de Chomhairle nan Eilean Siar.
"'S e sgrùdadh poblach neo-eisimeileach an aon fhreagairt iomchaidh a dh'fhaodadh a bhith aig Riaghaltas na h-Alba air obair NHS nan Eilean Siar le fòcas air na h-àrd-mhanaidsearan," thuirt e.

Tha "grunn mhearachdan agus casaidean millteach" san litir aig a' Chomh MacIllEathain, a rèir freagairt Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar
Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad a' cur fàilte air a bhith a' togail dragh sam bith mu chùram slàinte ma tha adhbhar agus fianais ann air a shon.
Ge-tà, tha iad ag ràdh gu bheil "grunn mhearachdan, beachdan, casaidean millteach gun bhrìgh, agus cunntasan nach eil crìochnaichte a dh'fhaodadh eagal gun fheum adhbhrachadh" anns an lìtir aig Mgr MacIlleathain.
Tha iad ag ràdh gu bheil am bòrd a' cumail ri iarrtasan reachdail gus tachartasan trom-chùiseach a chlàradh, gu bheil iad air an sgrùdadh gu neo-eisimeileach agus gu bheil iad rim faighinn gu poblach.
Tha iad gu làidir a' dol às àicheadh chasaidean mu chultar Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar, agus thuirt iad gu bheil iad moiteil às an t-seirbheis a th' air a choileanadh le luchd-obrach air feadh na sgìre.
Thuirt iad gu bheil sgrùdadh neo-eisimeileach am measg an luchd-obrach "a' sealltainn gu bheil àrainn obrach thaiceach, agus gu bheil draghan luchd-obrach air an làimhseachadh tro shiostaman follaiseach is fosgailte".
"'S e ar n-amas daonnan gum faigh muinntir nan Eilean Siar cùram aig an ìre as àirde a tha coibhneil agus sàbhailte," thuirt iad.