"Bha e mar gun robh agam ri beachdachadh an robh e mar dhleasdanas orm bàsachadh"

An t-Urramach Donnie Dòmhnallach
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt an t-Urramach Donnie Dòmhallach gu bheil an deasbad mu bhàs le taic na adhbhar iomnaidh dha fhèin, agus tinneas marbhtach air agus às leth chàich

LeEilidh NicLeòidagusAlasdair MacLeòidBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Bhòtaidh buill Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdain seo air bile a leigeadh le daoine le tinneas mharbhtach taic iarraidh le crìoch a thoirt air am beatha.

Tha an t-Urramach Donnie Dòmhnallach, a tha air a bhith na mhinistear aig Eaglais Shaor na h-Alba do Phort Rìgh agus Bracadal airson còrr is 20 bliadhna, am measg na tha e an aghaidh a' bhile. Tha e air a bhith ag innse do BhBC Naidheachdan mar a tha e a' fulang leaillse nach gabh leigheas, is mun dragh mòr a th' air mun chùis.

Am measg na tha a' cur taic ris a' bhile tha Muireann Bhochanan à Gallaibh, is i ag ràdh gum biodh a màthair, a chaochail le aillse aig aois 60, air roghnachadh bàs le taic. Gheibhear sgeulachd Muireann an seo.

Tha an deasbad mu bhàs le taic na chùis phearsanta dha Donnie Dòmhnallach.

Bho chionn còig bliadhna fhuair e dearbhadh gun robh multiple myeloma air - aillse fala nach gabh leigheas.

"Chan eil fhios agam cuin, am-bliadhna, an ath-bhliadhna, tha fios agam gu bheil na th' orm marbhtach," thuirt e.

"Chan eil teagamh nach e rud doirbh a th' ann dèiligeadh ris. Do chuid, tha an t-eagal orra ron bhàs, tha feadhainn eile agus eagal orra gum fuiling iad.

"Dhomhsa, bha an t-eagal orm agus mi a' faireachdainn ciontach gur e uallach a bhiodh annam do mo theaghlach."

Ma thèid am bile a chur an gnìomh, tha e ag ràdh gur e an dragh as motha a bhiodh air gum biodh cuideam gu h-àraid air seann daoine agus an fheadhainn as so-leònta sa choimhearsnachd cùrsa bàs le taic a ghabhail gus nach bi uallach air luchd-gràidh agus seirbheisean slàinte.

An t-Urramach Donnie Dòmhnallach agus a bhean Debbie Tùs an deilbh, DONNIE DÒMHNALLACH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an t-Urramach Donnie Dòmhnallach ag ràdh gu bheil e air a bheannachadh leis an taic a tha a bhean agus a theaghlach a' toirt dha

Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gu bheil e air a bheannachadh leis an taic a tha e a' faighinn bho a theaghlach, a' choimhearsnachd agus na seirbheisean slàinte.

Tha e air a dhol tro chùrsa ceimeo-theiripe a bha gu math trom agus chaidh e fo lannsa far an d' fhuair e bun-cheallan ùra.

Feumaidh e drugaichean ceimo a ghabhail airson a' chòrr de a bheatha, agus tha deuchainnean fala aige a h-uile trì mìosan.

"Chan eil mi a' dèanamh ro dhona. Feumaidh tu dèiligeadh ri cràdh nad chnàmhan fad an t-siubhail agus sgìths, agus tha mi air mo chuingealachadh a thaobh na thèid agam air a dhèanamh.

"Ge-tà, bha mi airson urram a shealltainn do Dhia san dòigh 's a bha mi a' dèiligeadh ris an tinneas agam, agus a chleachdadh airson taic a chumail ri càch."

An t-Urramach Donnie Dòmhnallach le cù
Fo-thiotal an deilbh,

'S e teachdaireachd Donnie gum faod daoine "a bhith beò gu math mus bàsaich iad"

Tha Donnie ag obair le mòran dhaoine air a bheil aillse agus 's e gu bheil iad gu bhith nan uallach air càch tric as motha a tha a' cur orra, tha e ag ràdh.

"'S e sin an t-eagal a th' orm gun tig e gu ìre far a bheil thu a' faireachdainn fèineil ma roghnaicheas tu a bhith beò seach bàs fhaighinn le taic," thuirt e.

Mar Chrìostaidh, tha e "ag aithneachadh naomhachd na beatha agus uachdranas Dhè".

Ge-tà, nuair a chaidh am bile aig Westminster troimhe an dèidh a' chiad leughaidh, thug sin air meòrachadh air an taghadh a bhiodh mu choinneamh nan deadh leis an reachdas ann an Alba.

"Dhomhsa, bha e mar gum feumainn beachdachadh air an robh e mar dhleasdanas orm bàsachadh.

"Mura bi an taghadh agad, cha bhi an ìmpidh neo an dleasdanas ort an cùrsa sin a ghabhail," thuirt e.

Donnie Dòmhnallach le sàbh a' gearradh pìos fiodha agus athair air a chùlaibhTùs an deilbh, DONNIE DÒMHNALLACH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Donaidh ag ràdh gun robh e na urram a bhith a' toirt cùraim do athair sna mìosan mu dheireadh de a bheatha-san

Tha e ag ràdh gu bheil e a' tuigsinn deagh rùin an fheadhainn a tha a' cur taic ris an reachdas.

Ach chan eil atharrachadh san lagh a dhìth, na bheachd, oir tha e fhèin air fhaicinn cho math 's a tha an cùram a gheibh daoine ann an ospaisean a leigeas leotha "bàsachadh le urram".

Bha e cuideachd na urram mòr dha a bhith a' toirt cùraim do a mhàthair agus athair sna mìosan mu dheireadh acasan.

B' fheàrr leis gun tigeadh leasachadh mòr air feadh na dùthcha air seirbheisean ospais agus cùram deireadh-beatha airson 's gum faod daoine "a bhith beò gu math mus bàsaich iad".

"Tha mi air fhaicinn uair is uair - suidheachaidhean far a bheil daoine air bàsachadh gu sìtheil leis na h-uimhir de chùram agus gràdh mun cuairt orra," thuirt e.

An t-Urramach Donnie Dòmhnallach Tùs an deilbh, DONNIE DÒMHNALLACH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Donnie den bheachd gun cuireadh an reachdas ùr ìmpidh air an fheadhainn as so-leònta sa choimhearsnachd

Tha buill-phàrlamaid Albannach air gabhail ri moladh nach bi seirbheis bàs le taic ri fhaotainn ach dhaibhsan a tha an cunnart bàsachadh taobh a-staigh sia mìosan.

Chan eil sin a' sàsachadh Donnie ge-tà, agus tha e fhathast le dragh gum bi ìmpidh air an fheadhainn as so-leònta "gu bheil e mar dhleasdanas orra bàsachadh".

Tha e den bheachd gu bheil cunnart ann gum biodh an reachdas air a lagachadh mean air mhean nan deadh a chur an gnìomh.

Thuirt e: "Tha e na adhbhar dragh dhomh gun ruig e ìre far am biodh e na bu shaoire a bhith a' moladh bàs le taic do dhaoine seach a bhith a' toirt seachad cùraim cosgail agus urramach a leigeas leotha bàsachadh ann an ospais."

An t-Urramach Donnie Dòmhnallach Tùs an deilbh, DONNIE DÒMHNALLACH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Mgr Dòmhnallach den bheachd gun tèid gabhail leis an reachdas ach gun tèid e a' sìor lagachadh

Tha Donnie den bheachd gun tèid am bile troimhe ged a bhios a' bhòt teann.

Ach ge bith dè cho teann 's a tha an reachdas fhèin, tha dragh air nach toir e dìon air a h-uile duine.

"An aon dìon 's e nach bi idir roghainn ann," thuirt e.

Tha an deasbad agus am pròiseas ga fhàgail iomagaineach gu pearsanta agus às leth chàich.

"Tha mi fo chùram dhaibhsan a tha a' call dòchais - rud a dh'fhaodadh tachairt nuair a tha tinneas marbhtach ort.

"Tha mi fo chùram air mar a dh'fhaodadh tachairt leis an reachdas seo sna bliadhnaichean ri thighinn.

"Tha mi fo chùram gun tèid e troimhe agus gu bheil cunnartan mòra gu bhith na lùib."

Tha dùil ris a' bhòt mu dheireadh air Bile Bàs le Taic do dh'Inbhich le Tinneas Mharbhtach ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.

Tha taic ri fhaighinn aig Loidhne Gnìomha a' BhBC.

Tuilleadh air an sgeulachd seo