EGM Stòras Uibhist air a dearbhadh

- Air fhoillseachadh
Thèid coinneamh èiginneach Sealladh na Beinne Mòire - companaidh pàrant Stòras Uibhist - a chumail air an t-16mh den Ghiblean.
Tha buaireadh is eas-aonta air a bhith a' cuairteachadh an uachdarain choimhearsnachd ann an Uibhist a Deas fad mhìosan a-nise is air buaidh mhòr a thoirt air obair is cliù na buidhne.
Às dèidh chòmhraidhean le Comhairle nan Eilean Siar air a' mhìos a chaidh, chaidh aontachadh gum fàgadh gach stiùiriche air gach companaidh taobh a-staigh Sealladh na Beinne Mòire an dreuchdan.
"Iomagain mhòr" air ceannard CnES mu Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh11 An Gearran
Stòras Uibhist: Buaireadh, strì, call earbsa - ach dòchas fhathast
- Air fhoillseachadh12 An Gearran
Stiùirichean Stòras Uibhist a' seasamh sìos is bòrd eadar-amail san amharc
- Air fhoillseachadh26 An Gearran
Fon phlana, bhiodh moladh ga chur air adhart aig EGM gun rachadh bòrd eadar-amail a stèidheachadh air am biodh comhairlichean ionadail agus co-dhiù aon stiùiriche le eòlas proifeiseanta.
Bhiodh fòcas acasan gu sònraichte air cùisean a chur air dòigh timcheall air àrachas is maoineachadh, mus biodh AGM ann as t-samhradh.
Tha fios a-nise gum bi an EGM ann air an t-16mh den Ghiblean ann a Talla a' Chinn a Deas ann an Dalabrog.