Bile na Croitearachd air an Treas Ìre a ruighinn

Tha am bile ag amas air obair chroitearan a dhèanamh nas sìmplidh
- Air fhoillseachadh
Bhòtaidh buill na Pàrlamaid Albannaich Diardaoin air reachdas ùr a dhèanadh riaghaltean croitearachd na bu shìmplidh agus na bu fhreagarraiche aison an là an-diugh.
Tha Bile na Croitearachd cuideachd a' moladh Cùirt an Fhearainn 's Tribiunal an Fhearainn a thoirt còmhla gus am bi aon bhuidheann ann airson dèiligeadh ri eas-aonta.
Tha riaghailtean agus laghan croitearachd tric gan càineadh airson a bhith sean, doirbh a thuigsinn, agus aig amannan a leantainn.
"Ath-sgrùdadh agus reachdas ùr a dhìth 'son Bile na Croitearachd"
- Air fhoillseachadh19 An Dùbhlachd 2025
Taic ach ceist no dhà fhathast mu Bhile na Croitearachd
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2024
Bho thaobh an riaghaltais dheth, tha am bile seo ann airson tòrr den sin a chur ceart.
Bheireadh e barrachd chothroman do chroitearan leasachaidhean àrainneachdail a dhèanamh air an talamh a tha iad ag obrachadh.
Atharrachaidhean a dhìth air Bile na Croitearachd a rèir BPA nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh15 Am Faoilleach
Trusaidh BPA beachdan mu chroitearachd san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain 2025
Theannaicheadh e na riaghailtean a thaobh croitean a bhith gan gluasad gu urrasan prìobhaideach agus companaidhean.
Dhèanadh e cuideachd nas fhasa e croitean a shìneadh do bhall teaghlaich gun feum air sin a shanasachd gu poblach.
Thèid sreath de dh'atharrachaidhean a dheasbad feasgar Diardaoin aig Holyrood air thoiseach air deasbad agus bhòt air an dreach mu dheireadh den bhile Dimàirt an ath-sheachdain.