Cuireadh do mhuinntir na h-Alba a' Ghàidhlig a chleachdadh gach là

Bòrd na Gàidhlig a' cur na h-iomairt #gachlatha air bhonn Tùs an deilbh, BÒRD NA GÀIDHLIG
  • Air fhoillseachadh

Tha prìomh bhuidheann leasachaidh na Gàidhlig ag iarraidh air daoine air feadh Alba pàirt a ghabhail san iomairt ùir aca, #gachlatha, gus an cànan a chleachdadh gu làitheil agus le barrachd misneachd.

Tha Bòrd na Gàidhlig a' sireadh ghealltanasan bho bhuidhnean san roinn phrìobhaidich agus phoblaich agus san treas roinn gun tèid faclan agus abairtean fhighe a-steach don là obrach aca.

Thuirt Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig, Ealasaid Dhòmhnallach: "Tha sinn airson cluinntinn bhon a h-uile duine, buidhnean agus gnothachasan nam measg, a tha airson an spèis a th' aca don Ghàidhlig a shealltainn agus a bhith ga bruidhinn barrachd."

Tha i ag ràdh gur e adhbhar misneachd dhaibh mar a thàinig fàs air luchd-ionnsachaidh a' chànain, agus tha iad an dòchas gun lean sin.

"'S e an dòchas againn gun toir e misneachd do dhaoine nuair a chì iad caraidean, co-obraichean agus fiù 's am manaidsearan a' Ghàidhlig a chleachdadh air na meadhanan-sòisealta neo san àite-obrach," thuirt i.

Suaicheantas iomairt Gach Latha aig Bòrd na GàidhligTùs an deilbh, BÒRD NA GÀIDHLIG
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar airson 's gun cleachd daoine an taga hais seo airson ìomhaigh na Gàidhlig a thogail

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd, Seòmraichean Malairt na h-Alba, is Seòmraichean Malairt Inbhir Nis am measg na tha air taic a thoirt don iomairt mar-tha.

Tha Eilidh Alexander, Ceannard Ballrachd aig Seòmar-malairt Inbhir Nis, ag ràdh gu bheil i fhèin air a misneachadh às ùr a cuid Gàidhlig a chur gu feum on thòisich i san dreuchd bho chionn dà bhliadhna.

Thuirt i: "Tha barrachd chothroman air a bhith agam coinneachadh ri luchd-labhairt Gàidhlig eile na bh' agam sna 15 bliadhna ron sin."

Ged a thogadh i an coimhearsnachd Ghàidhlig agus ged a fhuair i foghlam sa chànan, tha i ag ràdh "gu mì-fhortanach thàinig sin gu ceann nuair a dh'fhàg mi an sgoil".

"Tha seo air mo mhisneachadh gus barrachd còmhraidh a dhèanamh sa Ghàidhlig agus sna puist-d gu buill, ge bith cho meirgeach 's a tha mi a' faireachdainn, agus air an ùidh a th' agam sa chànan ath-bheòthachadh," thuirt i.

Faodar barrachd a leughadh mun iomairt aig Bòrd na Gàidhlig air an làraich-lìn aca an seo, taobh a-muigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo