Chan fhaigh luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd là dheth airson Cupa na Cruinne

Luchd-leantainn sgioba ball-coise nam fear aig Alba a' dèanamh gàirdeachais agus iad a' faighinn troimhe gu Cupa na Cruinne. Tha fear òg na sheasamh le stoc gorm air a shìneadh aige le Scotland sgrìobhte air Tùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Chan fhaigh luchd-obrach Comhairle na Gàidhlealtachd là dheth a bharrachd airson a' chiad gheama aig sgioba nam fear aig Alba ann an Cupa na Cruinne ann an 28 bliadhna a chomharrachadh.

Thuirt am Prìomh Mhinistear, John Swinney, roimh gum bu chòir Diluain an 15mh den Ògmhios a ghairm na shaor-là banca nàiseanta, ach tha an co-dhùnadh an urra ri luchd-fastaidh.

Ghabh buill Comataidh nan Goireasean Corporra aig coinneimh Diardaoin ri argamaid oifigearan gun cosgadh e £150,000 saor-là poblach eile a thoirt don luchd-obrach.

Chuala iad cuideachd rabhaidhean mu mar a dh'fhaodadh an là dheth a bharrachd droch buaidh a thoirt air seirbheisean riatanach leithid togail-sgudail agus sgoiltean.

Tha e a' ciallachadh gur e là obrach àbhaisteach a bhios ann do Chomhairle na Gàidhealtachd air a' 15mh den Ògmhios.

Chuir buill taic ri dàrna roghainn fom faigheadh luchd-obrach là dheth cho fada agus a bha luchd-obrach gu leòr ann airson seirbheisean a thoirt seachad gu sàbhailte.

Na bu thràithe air a' mhìos seo dh'aontaich buill Comhairle nan Eilean Siar gun saor-là poblach a bharrachd a thoirt do luchd-obrach an ùghdarrais ionadail, agus iad ag ràdh nach gabhadh e dèanamh nuair a bha an suidheachadh ionmhais cho teann.

Bhathar a' tomhas gum faodadh saor-là poblach a bharrachd £120,000 a chosg dhaibh aig a' char as lugha.