Chan fhaigh luchd-obrach CnES là dheth a bharrachd 'son Cupa na Cruinne

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich Comhairle nan Eilean Siar gun là dheth a thoirt do luchd-obrach an ùghdarrais ionadail a chomharrachadh gu bheil Alba ann an Cupa na Cruinne airson a' chiad uair bho 1998.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh gum bi là poblach nàiseanta ann Diluain an 15mh den Ògmhios, ach tha an co-dhùnadh deireannach an urra ri comhairlean fa leth.
Nuair a choinnich an làn-chomhairle Diciadain chuala iad moladh bhon àrd-oifigear, Malcolm Burr, nach bu chòir gabhail ris "air adhbharan ionmhais gu mì-fhortanach".
Chuir comhairlichean taic ri a mholadh a dh' aona-ghuthach.
Uairean fosglaidh fon phrosbaig ro Chuach na Cruinne
- Air fhoillseachadh9 An Dùbhlachd 2025
Na tadhail a chuir Alba gu Cupa na Cruinne
- Air fhoillseachadh19 An t-Samhain 2025
A rèir aithisg a bha air am beulaibh, chosgadh e co-dhiù £50,000 dhan Chomhairle saor-là bliadhnail a bharrachd a thoirt do luchd-obrach, agus chosgadh saor-là poblach a bharrachd a thoirt dhaibh £120,000 aig a' char as lugha.
Chan e seo a' chiad turas a bha iad a' deasbad molaidh airson làithean dheth a bharrachd.
Dh'aontaich a' Chomhairle saor-là bliadhnail a bharrachd a thoirt do luchd-obrach san Ògmhios agus san t-Sultain ann an 2022 airson Iùbailidh Platinum na Banrigh agus airson an tiodhlacaidh stàite aice.
Cha tug iad taic do dh'iarrtas gum bi saor-là a bharachd ann airson Crùnadh an Rìgh a comharrachadh.