Naidheachdan 11:00m

Fo-thiotal a’ bhidio,

Naidheachdan 11:00m

  • Air fhoillseachadh

An Ear-Mheadhanach

Tha Israel ag ràdh gun tug iad ionnsaigh air làrach air an robh leasachadh armachd niùclasaich ann an Tehran. Agus thuirt arm Israel gum bi iad a' leudachadh an ionnsaigh ann an Lebanon air a' bhuidhinn Hezbollah a tha a' faighinn taic bho Thehran.

Ola

Tha margaidh na h-ola caochlaideach 's prìsean ag èirigh a-rithist ged a chaidh stòras glèidhte fhosgladh an-dè mar fhreagairt do bhuaidh a' chogaidh anns an Ear-Mheadhanach. Bhuail urchairean ann an dà thancair ola far chosta Iorac, agus thug Iran ionnsaighean cuideachd air dùthchannan eile san sgìre.

Smachd-bhannan

Chuir an t-Aonadh Eòrpach smachd-bhannan air 19 de bhuidhnean agus oifigich Iràinianach. Thuirt an EU gu bheil sin a' toirt "teachdaireachd làidir" do Thehran nach urrainn dhaibh a bhith a' riaghladh le ceannsalachd.

Bochdainn Cloinne

Thuirt am Prìomh Mhinistear, John Swinney, gum faod luchd-bhòtaidh breith a thoirt air an ceann còig bliadhna mura tig e air an targaid a th' aig an riaghaltas airson bochdainn cloinne a ghearradh. Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh plana còig bliadhna an-diugh agus àireamh bochdainn cloinne gu math nas motha na an 10% air a bheil iad ag amas.

Meadhanan Sòisealta

Chaidh mìneachadh iarraidh air na h-uimhir de chompanaidhean nam meadhanan sòisealta mun dòigh sa bheil iad a' dearbhadh aois an luchd-cleachdaidh anns an Rìoghachd Aonaichte. Dh'iarr an riaghladair, Ofcom, agus Oifis Choimiseanair an Fhiosrachaidh air na companaidhean teic siostam nas èifeachdaiche a chur an sàs.