'S e aillse is caitheamh a' ghrùthain alcolach a thug bàs do mhurtair, a rèir FAI

Dh'eug Uilleam MacDhùghaill nas lugha na còig mìosan an dèidh a chur dhan phrìosan airson murt a rinn e ann an 1976
- Air fhoillseachadh
Chuala sgrùdadh gun robh fireannach a bhàsaich beagan mhìosan an dèidh mar a chaidh a dhìteadh airson murt a leannain agus am mic a' fulang le aillse agus caitheamh a' ghrùthain alcolach.
Dh'eug Uilleam MacDhùghaill sa Ghearran 2023 an dèidh a chur dhan phrìosan airson Renee NicRath agus am balach beag aca, Anndra, 3, a mharbhadh bho chionn faisg air 50 bliadhna. Cha do lorgadh a-riamh an cuirp.
Bha MacDhùghaill, 81, à Penrith ann an Cumbria, air a bhith a' faighinn cùraim deireadh-beatha am prìosan Ghleann Oichil ann an Alamhagh.
Chaidh a ghluasad a dh'Ospadal Rìoghail Srath Fhoirthe an dèidh do a shlàinte a dhol bhuaithe agus bhàsaich e an sin.
Chuala rannsachadh tubaist bhàsmhor ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Sruighlea gur e a bu choireach ri a bhàs tinneas cridhe, brùthadh-fala àrd, caitheamh a' ghrùthain alcolach agus lymphoma, aillse a tha a' toirt buaidh air an t-sìostam ion-dhìon.
Tha dùil ri aithisg sgrìobhte an t-Siorraidh Euan Gosney an ceann ùine.
Uilleam MacDhùghaill ciontach de mhurt Renee NicRath
- Air fhoillseachadh29 An t-Sultain 2022
Sgrùdadh a' leantainn air stuth a fhuaireadh faisg air 'cuaraidh muirt'
- Air fhoillseachadh11 An Giblean 2025
Chaidh MacDhùghaill a chur dhan phrìosan airson 30 bliadhna aig a' char as lugha an dèidh do dhiùraidh fhaighinn ciontach sa Mhàrt 2022.
Bha e a' dol às àicheadh nan casaidean uile na aghaidh, ach chaidh a dhìteadh an dèidh cùis-lagha aig an Àrd-Chùirt ann an Inbhir Nis.
A' toirt seachad na binne, thuirt am britheamh am Morair Armstrong ri MacDhùghaill gun robh coltas ann gun do chuir e roimhe murt a dhèanamh ann an dòigh air leth seòlta.
Thuirt am britheamh: "Mhuirt thu iad agus chleith thu an cuirp agus rinn thu gach oidhirp gus nach tigeadh tu fo amharas."

Tha faisg air 50 bliadhna on chaidh Anndra agus Renee NicRath a mhurt
Chaidh a' Bh-Ph. NicRath, 36, agus Anndra a dhìth air an 12na den t-Samhain 1976. Lorgadh an car aice na theine aig oir rathad an A9 ann an Dail Mac Gearraidh, deas air Inbhir Nis.
Chuala an diùraidh gun robh MacDhùghaill na rùnaire companaidh-togail leis an duine aig a' Bh-Ph. NicRath, Gòrdan, bhon robh i dealaichte.
Thuirt Seirbheis Luchd-casaid a' Chrùin gun robh dleastanas laghail orra FAI a chumail leis gun robh MacDhùghaill sa phrìosan agus fo chùram na stàite aig àm a bhàis.
'S e amas FAI faighinn a-mach dè a dh'adhbharaich bàs neach agus tighinn gu co-dhùnadh air am faodadh càil reusanta a bhith air a dhèanamh airson a sheachnadh.
Tha an rannsachadh bàis ga dhèanamh feuch dè dha-rìribh a thachair seach a bhith a' cur coire air daoine.