MV Corran briste là an dèidh dhi tilleadh o chàradh bhliadhnail

MV Corran
  • Air fhoillseachadh

Tha am bàt-aiseig an MV Corran, a bhios a' seòladh thar Chaolas a' Chorrain ann an Loch Abar, air briseadh sìos nas lugha na là an dèidh dhi tilleadh o a h-obair-càraidh bhliadhnail.

Tha oifigich le Comhairle na Gàidhealtachd a tha a' ruith na seirbheis ag ràdh gu bheil trioblaid theicnigeach air èirigh 's gum bi an soitheach a-mach à seirbheis fhad 's a thèid a rannsachadh.

Thug a h-obair-càraidh bhliadhnail na b' fhaide na bhathas an dùil, leis an MV Maid of Glencoul a' seòladh na h-àite.

Dh'èirich trioblaidean teicnigeach leis a' Mhaid of Glencoul cuideachd fhad 's a bha an MV Corran air falbh.

Tha an t-aiseag cudromach do dhaoine a tha a' fuireach ann an Àird Ghobhar, sa Mhorbhairne agus Àird nam Murchan airson faighinn a-null air a' chaolas - turas còig mionaidean, seach turas fada air an rathad timcheall Loch Iall.

Chaidh fhoillseachadh Diciadain gun do thòisich obair luach £58m airson bun-structar ùr a thogail air tìr aig gach ceann an aiseig agus dùil ri soitheach ùr dealain air an t-slighe.

Chaidh airgead a chur a dh'ionnsaigh sin agus gearanan air a bhith ann mu cho tric 's a tha an MV Corran agus an MV Maid of Glencoul air a bhith briste sna bliadhnaichean mu dheireadh, 's a' choimhearsnachd air am fàgail às aonais aiseig grunn thursan airson ùine.