"Ao-coltach" gun till an MV Corran ro dheireadh an Lùnastail

An MV CorranTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

An MV Corran, a th' air a bhith a-mach à seirbheis bhon Dàmhair an-uiridh.

  • Air fhoillseachadh

Chan eil coltas ann gum bi am prìomh bhàt-aiseig air slighe a' Chorrain deiseil airson tilleadh gu seirbheis ro dheireadh an Lùnastail, a rèir Chomhairle na Gàidhealtachd.

Dh'fhàg an MV Corran airson obair-càraidh san Dàmhair an-uiridh, ach chaidh trioblaid a lorg le siostam a' phroipeileir.

Bha a' Chomhairle, a tha a' ruith na seirbheis, air a ràdh roimhe gun robh dùil aca gum biodh am bàta air ais ro mheadhan na mìos seo.

Tha iad a' coireachadh an t-suidheachaidh san doc airson an dàil às ùire.

Cumaidh an MV Maid of Glencoul a' dol air an t-seirbheis, ach bidh i a' giùlan nas lugha chàraichean is luchd-siubhail na bhios an MV Corran.

Thuirt a' Chomhairle gun toir iad barrachd fiosrachaidh seachad air cuin a thilleas an MV Corran gu seirbheis aon uair is gum bi an clàr-ama sin air a dhearbhadh.

Thug iad taing dhan luchd-obrach a th' air an t-seirbheis aiseig an-dràsta agus dha na coimhearsnachdan mun cuairt airson a bhith cho tuigseach.

Tha maill air a bhith air seirbheis nan càraichean mar-thà am-bliadhna.

Eadar an 15mh den Ghiblean agus toiseach an Ògmhios cha robh ann ach seirbheis do luchd-coiseachd a-mhàin às deidh dhan MV Maid of Glencoul briseadh sìos.