MV Corran ga càradh

MV Maid of Glencoul
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh am Maid of Glencoul a' seòladh thar Chaolas a' Chorrain fhad 's a tha an MV Corran fhèin ga càradh

  • Air fhoillseachadh

Bidh am Maid of Glencoul a' seòladh air Aiseag a' Chorrain bho Dhiardaoin 's an MV Corran as àbhaist a bhith ga dhèanamh a' faighinn obair-càraidh bhliadhnail.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach obair mhòr a dhèanamh air an MV Corran nuair a bha i san doc ann an 2023 is 2024 is gu bheil dùil mar sin gum bi an obair deiseil an turas seo tràth ann an 2026.

Gheall iad barrachd fiosrachaidh nuair a tha sgrùdadh air a' bhàta air a dhèanamh.

Thug a' Chomhairle rabhadh seachad gun toir e beagan nas fhaide dhan Maid of Glencoul an turas a dhèanamh, 's nach toir i leatha uiread de chàraichean.

Chan fhaodar stuthan cunnartach a ghiùlain oirre a bharrachd, 's tha sin a' fàgail feum leithid de chargo a bhith air a thoirt timcheall air Loch Iall air an rathad.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Annabel NicIllinnein ag aithris sa Chèitean is Comhairle na Gàidhealtachd air bhòtadh 'son faraidhean a chur air luchd-coiseachd air Aiseag a' Chorrain

Dhearbh an t-ùghdarras ionadail cuideachd gum bi aig luchd-coise ri pàigheadh 'son a dhol a-null 's a-nall bhon 10mh là den t-Samhain airson a' chiad uair.

Bha na h-uimhir de mhì-thoileachas sa choimhearsnachd nuair a dh'innis a' chomhairle nas tràithe am-bliadhna gum biodh aig luchd-coise ri pàigheadh.

Thuirt gnothachasan ionadail gun robh dragh mòr ann gun toireadh seo droch bhuaidh orra is nach biodh cuid de luchd-tadhail airson tighinn tuilleadh.

Tha a' chomhairle ag ràdh gum faodadh iad còrr is £20,000 a thogail sa bhliadhna tro na faraidhean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo