Dàil às ùr air "an Old Maid"

Maid of Glencoul
  • Air fhoillseachadh

Tha dàil às ùr air an MV Maid of Glencoul is i air briseadh sìos a-rithist.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd air innse roimhe gun robh dùil gun tilleadh an t-aiseag gu seirbheis air Caolas a' Chorrain tràth san t-Sultain às dèidh obair-chàraidh bhliadhnail.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh a-nise gun do nochd trioblaid le einnsean a' bhàta is gu bheil feum air obair-chàraidh agus pàirtean ùra.

Thuirt iad gun toir iad seachad clàr-ama nuair a bhios e aca ach gu bheil dùil gun toir an obair "grunn sheachdainean".

"'S e briseadh-dùil domhain a tha seo dhuinn oir tha sinn mothachail air cho cudromach 's a tha gum bi seirbheis sheasmhach ann", thuirt cathraiche Comataidh Bun-structair Comhairle na Gàidhealtachd, an Comh Ken Gowans.

'S e an Maid of Glencoul an dàrna aiseag air slighe a' Chorrain.

Tha i 50 bliadhna a dh'aois is cuid san sgìre a' gabhail 'an Old Maid' oirre.

Bha mì-thoileachas ann aig toiseach an Lùnastail nuair a nochd trioblaid teicniceach leis a' phrìomh bhàta, an MV Corran, is am Maid of Glencoul san doc.

Dh'fhàg seo nach robh seirbheis idir ann fad grunn làithean.