Am Maid of Glencoul "gu bhith deiseil"

Bidh an MV Maid of Glencoul mar as trice a' gabhail àite an MV Corran ma dh'èiricheas trioblaid
- Air fhoillseachadh
Tha an MV Maid of Glencoul a tha na soitheach faochaidh air slighe a' Chorrain cha mhòr deiseil den obair-càraidh aice, a rèir Comhairle na Gàidhealtachd.
Tha i air a bhith ga càradh ann an doca tioram, agus tha dùil gun till i gu seirbheis tràth san t-Sultain.
Bha mì-thoileachas ann an Àird Ghobhair nuair a chaidh an MV Corran a thoirt a-mach à seirbheis gun am Maid of Glencoul a bhith ri fhaotainn, agus trioblaid air èirigh leis an t-siostam stiùiridh aice fhad 's a bha am bàta faochaidh a' faighinn obair-càraidh bhliadhnail.
Tha an t-aiseag, a tha ga ruith le Comhairle na Gàidhealtachd, a' ceangal Àird Ghobhair le Loch Abar Ìochdarach thairis air Caolas a' Chorrain.
Tha an turas aiseig sin a' toirt còig mionaidean, an taca ri turas fada air an rathad timcheall ceann Loch Iall.
"Tha Comhairle na Gàidhealtachd duilich le mar a thàinig lùghdachadh air an t-seirbheis, leudachadh air amannan siubhail, agus a' bhuaidh a thug dìth a' Mhaid of Glencoul fhad 's a bha an MV Corran a-mach à seirbheis fad còig làithean ri linn Stoirm Floris agus trioblaid stiùiridh," thuirt Cathraiche Comataidh na h-Eaconomaidh 's a' Bhun-structair, Ken Gowans.
Thuirt Mgr Gowans gun do dh'fhàg leasachaidhean a b' fheudar a thoirt air an MV Maid of Glencoul gun robh i san doca na b' fhaide na bhiodh le obair-càraidh bhliadhnail àbhaisteach
"Tha criutha Aiseag a' Chorrain air a bhith sònraichte tron t-suidheachadh dhùbhlanach a bha seo, agus tha iad a' cumail orra ag obair gun abhsadh gus am Maid of Glencoul a thoirt dhachaigh," thuirt e.
"Bu mhath leam taing a thoirt dhaibh airson an cuid dealais."