Leasachadh Aiseag a' Chorrain air tòiseachadh

- Air fhoillseachadh
Thòisich obair air pròiseact luach £58m airson leasachadh a thoirt air seirbheis Aiseag a' Chorrain eadar Loch Abar is Àird Ghobhar.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' togail dà laimrig ùr, a thuilleadh air goireasan leasaichte eile gach ceann an aiseig.
Thèid bàt-aiseig ùr dealain fhaighinn airson an t-slighe a fhrithealadh aon uair 's gu bheil am bun-structar ùr ann an àite.
Tha seo an dèidh ghearanan mu neo-earbsachd na seirbheis an dèidh thrioblaidean sna bliadhnaichean mu dheireadh nuair a bha feum air na soithichean a chàradh.
Leasachadh £30m san amharc do ghoireasan Aiseag a' Chorrain
- Air fhoillseachadh11 Am Màrt 2025
Aiseag a' Chorrain: Gnothachasan san sgìre fhathast dùinte
- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2024
Faraidhean do luchd-coise air Aiseag a' Chorrain
- Air fhoillseachadh29 An Cèitean 2025
Cha toir an aiseag ach còig mionaidean, ach sàbhailidh e turas fada rathaid do mhuinntir Àird Ghobhar, na Morbhairne agus Àird nam Murchan ma tha iad a' dèanamh air taobh a deas na linne.
Thèid laimrig ùr agus cidhe far an ceangal am bàta tron oidhche air taobh Àird Ghobhar a' chaolais.
Gheibh taobh Loch Abar Iochdarach a' chaolais laimrig ùr cuideachd, a thuilleadh air balla-fasgaidh, sgìre airson càraichean a chur an òrdugh 'son a dhol air an aiseag, raon parcaidh, slighe rothaireachd agus taighean beaga ùra poblach.

Dh'ainmich Comhairle na Gàidhealtachd Charles Brand Group Eta airson an obair a dhèanamh air gach taobh a' chaolais.
Tha dùil gum mair an obair 18 mìosan, 's gum bi e deiseil as t-samhradh 2027.
'S ann bho Aonta Baile agus Sgìreil Inbhir Nis is na Gàidhealtachd a tha maoineachadh a' tighinn airson na h-obrach.
Tha a' Chomhairle agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' pàigheadh £30m airson a' bhun-structair air tìr, fhad 's a gheall Riaghaltas na h-Alba £28m airson bàt-aiseig ùr a cheannach.
Thuirt fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban, gun robh soitheach ùr agus bun-structar taice ùr riatanach airson seasmhachd na seirbheis san ùine-fhada.
Thuirt e gun toireadh sin buannachdan do choimhearsnachdan ionadail airson deugachadh bhliadhnaichean ri teachd.