Leasachadh £30m san amharc do ghoireasan Aiseag a' Chorrain

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cead-dealbhachaidh iarraidh airson leasachadh luach £30m air goireasan Aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar.
Fo na planaichean bhiodh slip ùr air thogail aig Àird Ghobhar, cuide ri cidhe ùr airson bàta a cheangal tron oidhche.
Bhiodh leathad-cidhe, balla-mara agus raon ùr airson trafaig air an togail air taobh Loch Abair den loch.
Tha dùil gun tòisich obair san t-Samhain, agus mòran dhen airgead a' tighinn bho Aonta Fàs na Gàidhealtachd, eadar Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte.
Chaidh draghan a thogail leis a' choimhearsnachd ann an Àird Ghobhar an-uiridh nach robh na planaichean air an taobh acasan den loch math gu leòr.
Tha an t-aiseag, a tha air a ruith le Comhairle na Gàidhealtachd, a' giùlan mu 270,000 càr agus 11,000 carbad coimeirsealta gach bliadhna.
Dragh mu obair leasachaidh 'son bàt-aiseig a' Chorrain
- Air fhoillseachadh20 An Lùnastal 2024
Iarrtas oifigeil gus airgead a chosg air Aiseag a' Chorrain
- Air fhoillseachadh15 Am Màrt 2024
Fàilte air airgead do dh'Aiseag a' Chorrain
- Air fhoillseachadh23 An t-Samhain 2023
Bheir e mu chòig mionaidean a dhol tarsaing a' chaolais air an aiseag, an coimeas ri mu dhà uair a thìde a' draibheadh timcheall an locha.
Tha planaichean fa leth ann airson aiseag ùr fhaighinn air an t-slighe agus tha Riaghaltas na h-Alba air aontachadh gum faodadh Comhairle na Gàidhealtachd £28m a chosg air an leasachadh sin.
Tha trioblaidean leis na bàtaichean-aiseig, am prìomh shoitheach an MV Corran agus leis a' bhàta a bhiodh a' dol na h-àite, an MV Maid of Glencoul air buaidh a thoirt air an sgìre thar nam bliadhnaichean.
Thill an MV Corran dhan t-slighe san Dàmhair 2023 às dèidh dhith a bhith a-mach à seirbheis fad bliadhna
Chaidh am bàta a thoirt air falbh san Dàmhair a' bhliadhna ron sin airson obair caraidh ach thàinig dàil air an obair sin.