Naidheachdan 10:00m
Prìs na h-Ola
Coinnichidh oifigich bho Roinn an Ionmhais ri buill-phàrlamaid an-diugh a bheachdachadh air dè ghabhas dèanamh do dhaoine a tha an eisimeil ola airson an dachannan a bhlàthachadh. Tha gearainnean ann an sgìrean dùthchail gu bheil prìsean air èirigh gu mòr, le cuid ag ràdh gu bheil na tha iad a' pàigheadh airson ola dachaigh air dùblachadh bhon a thòisich an cogadh anns a' Ghulf.
An Gulf
Tha ionnsaighean nan Stàitean Aonaichte agus Israel air Iran agus Lebanon a' leantainn le tuilleadh spreadhaidhean gan aithris ann an Tehran agus Beirut. Thuirt na h-Aimeireaganaich gun robh iad air 16 soithichean Iràinianach a chur fodha faisg air Caolas Hormuz 's iad ag ràdh gur e bàtaichean a bh' annta airson a bhith a' cur mhèinichean.
Aig a' cheart àm tha dùthchannan air feadh a' Ghulf ag aithris gu bheil iad gan dìon fhèin bho ionnsaighean dròna is rocaid. Tha oifigich ann an Dubai ag ràdh gun deach ceathrar a ghoirteachadh nuair a thàinig dà dhròna sìos faisg air a' phort-adhair aca.
Stèisean Meadhan Ghlaschu
Dhaingnich Network Rail nach fhosgail na loidhnichean uachdarach aig Stèisean Meadhan Ghlaschu chun an ath-sheachdain. Thuirt a' bhuidheann gu bheil ballaichean an togalaich ri taobh an stèisein a chaidh na theine air an deireadh-sheachdain ann an staid glè chugallach agus nach biodh e sàbhailte a bhith a' ruith thrèanaichean. Thòisich seirbheisean a-rithist air na loidhnichean iachdarach an-diugh, le trèanaichean a' frithealadh bhailtean mun iar agus mun ear air Ghlaschu.
Tubaist
Bhàsaich fireannach ann an Lodainn an Ear às dèidh dhan chàr aige a dhol a-steach gu carbad a bh' air a pharcadh ri taobh an rathaid ann an Tranent. Thuirt na poilis gun robh an duine, a bha 55, aig cuibhle Vauxhall Vivaro nuair a bhuail e ann an carbad Citroen Aircross air Rathad Haddington. Chaidh a thoirt gu Infirmary Rìoghail Dhùn Èideann far an do chaochail e.
Cille Chùithbeirt
Agus dh'innis poilis ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh gun do dh'eug boireannach aosta a bh' air a dhol a dhìth anns an sgìre. Chaidh sgrùdadh a chur air chois a' bhòn-dè nuair a chaidh an càr aig Nancy Hill, a bha 81, a lorg ann am pàirc chàraichean aig tràigh faisg air Cille Chùithbeirt. Thuirt oifigearan gun deach lorg fhaighinn oirre an-dè agus gun deach a toirt dhan ospadal ann an Dùn Phris far an do chaochail i.