"Tha e cha mhòr air dùblachadh"

Allison NicIllEathain 's an cù aice air iall, nan seasamh ri taobh tanca ola aig an dachaigh ann an Ullapul
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Allison NicIllEathain, a tha a' fuireach ann an Ullapul, ag ràdh gu bheil a' phrìs cha mhòr air dùblachadh

LeTeàrlach QuinnellBBC NaidheachdanagusAilig John MoireasdanBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha duilgheadas aig daoine air an tuath ola a cheannach airson an dachannan a theasachadh, 's a' phrìs cha mhòr air dùblachadh le buaidh a' chogaidh sa Ghulf.

Tha daoine ann an sgìrean dùthchail air feadh an dùthcha ag innse gu bheil a' chosgais air èirigh gu mòr - mun dà uimhir aig cuid.

"Thairis air a' bhliadhna a dh'fhalbh chosg sinn £800 air ola airson a bhith a' blàthachadh an taighe," thuirt Allison NicIllEathain, a tha a' fuireach ann an Ullapul.

"Bha sin thairis air dhà no trì òrdughan.

"Agus a-nise airson aon òrdugh air 500ltr de dh'ola tha e faisg air £700.

"Tha e cha mhòr air dùblachadh."

Tha mu 1.7m dachaigh san Rìoghachd Aonaichte an eisimeil ola 'son teasachaidh.

Nam measg sin, tha mun dàrna leth de thaighean sna h-Eileanan Siar taobh a-muigh Steòrnabhaigh.

An Seansalair, Rachel Reeves
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir an Seansalair ìmpidh air companaidhean ola gun brath a ghabhail air an t-suidheachadh

'S ann anns na h-Eileanan Siar as miosa a tha bochdainn connaidh ann an Alba, agus cosgais a bharrachd a' tighinn air daoine ola a cheannach leis gum feumar a thoirt ann à tìr-mòr, mus tig cosgaisean a bharrachd air sin a-steach.

A rèir chathraiche Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill sna h-Eileanan Siar, Murchadh MacIllEathain, tha thìde ann coimhead ri cuibhreachadh air prìsean ola 'son daoine ann an sgìrean dùthchail a dhìon.

"Anns an aon là chaidh e suas 20sg an liotair," thuirt Mgr MacIllEathain.

"Nis tha tòrr an sin dha daoine dha bheil e duilich mar thà a cheannach.

"Ach a bharrachd air sin, tha daoine air a bhith a' feuchainn ri faighinn troimhe 'son òrdachadh ola mus tig e suas a-rithist."

Chaidh innse do chuid de dhaoine a tha dìreach airson luchd beag ola fhaighinn nach fhaigh iad e, rud a tha a' cur cais air an t-Seansalair, Rachel Reeves.

"Chanainn ri gnothachasan a bhios a' reic ola teasachaidh nach eil e ceart a bhith ag ràdh nach reic thu ach luchdan mòra an-dràsta. Chan eil sin cothromach do luchd-cleachdaidh," thuirt i.

"Chuirinn ìmpidh air luchd-ceannaich seasamh aca, 's coimhead mun cuairt ma thathas ag innse dhaibh nach fhaod iad ach luchd mòr a cheannach aig prìs gu math àrd."

Fhuair buill-phàrlamaid cothrom bruidhinn ri Rùnaire an Ionmhais, am Morair Livermore, gus faicinn a bheil càil a ghabhas dèanamh mun t-suidheachadh.

Chaidh innse dhaibh gun do sgrìobh an Seannslair gu Ùghdarras na Farpais is nam Margaidhean a ràdh riutha sùil gheur a chumail air prìsean ola agus moladh ma tha feum air riaghladh air an roinn.

Tha BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, ag ràdh gum feum an t-Ùghdarras dèanamh cinnteach nach eil companaidhean a' gabhail brath air an t-suidheachadh airson prothaid a dhèanamh.

"Tha fios aca dè dh'fheumas tachairt," thuirt e.

"Ach cuideachd feumaidh daoine air tuarastail ìosal agus 's mathaid peinnseanairean cuideachadh.

"Feumaidh sinn dòigh obrachdainn a-mach."

Torcuil Crichton BP
Fo-thiotal an deilbh,

Tha BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, airson 's gum faigh luchd-cleachdaidh ola cothrom air Sgeama Lasachaidh nan Dachannan Blàth, mar a gheibh luchd-cleachdaidh dealain

Thug Mgr Crichton iomradh air mar a gheibh daoine a theasaicheas an dachannan le dealan an-dràsta £150 far nan cunntasan aca le Sgeama Lasachaidh nan Dachannan Blàth, fhad 's nach fhaigh luchd-cleachdaidh ola dad.

"Feumaidh sinn an t-airgead sin a thoirt dha daoine a tha a' crochadh air an ola air sgàth tha prìsean ola a' dol suas, agus bidh daoine ann nach urrainn na tancaichean aca a lìonadh."

Thuirt Comann Sgaoileadh a' Chonnaidh (an UKIFDA) gu bheil iad fhèin agus na buill aca a' tuigsinn an dragh a th' air daoine mu àrdachadh phrìsean.

Thuirt iad gu bheil suidheachadh san Ear-Mheadhannach agus mar a tha an Roinn Eòrpa an eisimeil connadh-itealain bhon sgìre sin a' ciallachadh gu bheil sin a' toirt buaidh air prìsean gach là.