"Buille dhùbailte" do sheann daoine le prìs chumhachd ag èirigh

- Air fhoillseachadh
Tha dragh air luchd-iomairt air Ghàidhealtachd gum bi duilgheadas aig peinnseanairean na cunntasan cumhachd aca a phàigheadh air a' gheamhradh a tha romhainn an dèidh do dh'Ofgem innse gun èirich an cuibhreachadh air prìsean dealain is gas 10% bhon Dàmhair.
Fàgaidh seo gun èirich cosgais taigh a chumail blàth mu £150, gu beagan is £1,700 sa bhliadhna - àrdachadh mu £12 sa mhìos.
Tha luchd-iomairt draghail gum fàg seo, còmhla ri mar a chaidh sochair connadh a' gheamhraidh a stad do mhòran pheinnseanairean, gum bi daoine ann an staing.
Tha an sochair air a mheas a rèir chomas dhaoine pàigheadh iad fhèin ann an Alba.
"Saoilidh mi gur e buille dhùbailte a tha seo do sheann daoine, leis gun deach sochair a' Chreideis Choitchinn airson connadh a' gheamhraidh a thoirt air falbh aig an aon am 's a tha cosgaisean ag èirigh 10%," thuirt Manaidsear Urras Leasachaidh a' Chaoil Chataich, Dàibhidh Watson.
"Seo aig deireadh samhraidh a th' air a bhith na b' fhuaire na bha dùil far an robh cosgaisean air a bhith na b' àirde cuideachd.
"Saoilidh mi dha-rìribh gum faod an Geamhradh seo a bhith na dhùbhlan nach beag do dhaoine nas sine sa choimhearsnachd a th' air a bhith cleachdte ri bhith a' faighinn a' bheagain taice a bha sin, ach nach fhaigh e a-niste 's dòcha.
"Tha e caran dubhach, nuair a bha coltas ann gun robh prìsean a' tuiteam gu cunbhalach, gu bheil iad a-niste a' dol air ais suas a-rithist aig an àm cheàrr.
"Agus saoilidh mi gur e buille dha-rìribh a bhios ann do gu leòr dhaoine," thuirt e.