82% de dhachaighean aon sgìre an Leòdhas am bochdainn connaidh a rèir suirbhidh

- Air fhoillseachadh
Tha 82% de dhachaighean ann an sgìre an Rubha agus Shanndabhaig ann an Leòdhas a' fulang bochdainn connaidh, a rèir an rannsachaidh as ùire a rinneadh ann.
Fhuair an suirbhidh aig Urras an Rubha agus Shanndabhaig (URS) gu bheil mòran de theaghlaichean a' caitheamh mu chairteal den chosnadh aca air dealan, gas is connadh eile.
Tha daoine air am meas ann am bochdainn connaidh ma tha iad a' cosg còrr is 10% den teachd a-steach aca air cunntasan cumhachd.
Fhuair rannsachadh a rinn a' bhuidheann Tighean Innse Gall an-uiridh gur ann sna h-Eileanan an Iar a tha an ìre de bhochdainn connaidh as miosa san Rìoghachd Aonaichte air fad le mu 80% de theaghlaichean a' strì gus an dachaighean a chumail blàth agus cunntasan a phàigheadh.
Bochdainn connaidh as miosa an Alba sna h-Eileanan Siar?
- Air fhoillseachadh18 An t-Ògmhios 2024
Bochdainn connaidh bitheanta air an Taobh Siar
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean 2024
Tha cuireadh ga thoirt do theaghlaichean am bailtean an Rubha agus Shanndabhaig cur a-steach airson na taice agus an stiùiridh a tha ri fhaotainn bhon Aonad-Taice Cumhachd (ATL) aca.
On thòisich an sgeama ann an 2023, taobh a-muigh - air a ruith leis a' chompanaidh ionadail Mùirneag Consulting às leth an urrais - tha iad air taic a thoirt do chòrr air 600 teaghlach agus còrr air £374,000 a sgaoileadh do dhaoine.
Tha am maoineachadh a' tighinn bhon teachd a-steach aig URS bho na trì crainn-gaoithe a th' aca.

Iain Fearghasdan air an làimh chlì còmhla ri Stiùbhart Wilson agus Iain ‘Dan’ Moireasdan bhon chompanaidh Mùirneag Consulting
Tha Iain MacFheahgais, 89, à Port Bholair, ag ràdh gu bheil e taingeil airson an taic-airgid a bharrachd a fhuair e san dà bhliadhna fa dheireadh.
Thuirt e: "Tha cosgais mhòr ann an seo tron ghreamhradh cumail a h-uile càil a' dol.
"'S e cuideachadh mòr a th' ann am £1,000 airson pàigheadh airson ola agus dealain agus tha min dòchas gun cùm iad a' dol leis."
Tha Urras an Rubha is Shanndabhaig air film goirid, The Long Shadow, a dhèanamh aison aire a thoirt don bhuaidh a th' aig bochdainn connaidh air daoine.
Thuirt Stiùbhart Wilson bho Mùirneag Consulting: "Tha sinn a' brosnachadh duine sam bith ann an sgìre URS fios a chur thugainn, agus nì sinn ar dìcheall ur cuideachadh."
Cead do stuth YouTube?
Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Chan eil leithid de sgeama aig a h-uile sgìre ge-tà agus tha Buidheann Stiùiridh an aghaidh Bhochdainn sna h-Eileanan an Iar a' cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh airson daoine a chuideachadh le an cosgaisean cumhachd.
Chuir ceannard na buidhne, an Comhairliche Aonghas MacCarmaig, fàilte air an £250,000 bho Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghoirid airson taic an aghaidh bhochdainn ach tha e ag ràdh nach toir sin ach taic san ùine ghoirid dhaibhsan an èiginn.
Thuirt e gum bi còmhraidhean aca leis an riaghaltas mu mar a ghabhas cùisean a leasachadh san ùine-fhada.
Thuirt Riaghalats na h-Alba gun tug iad £1.1m do Chomhairle nan Eilean Siar sna trì bliadhna a dh'fhalbh tro mhaoin èiginneach nan eilean.
Thuirt iad cuideachd ge-tà gu bheil e follaiseach gum feum cosgaisean cumhachd a bhith air an lùghdachadh is iad a' cur cuideim Riaghaltas na Rìoghadh Aonaichte sin a dhèanamh.
Thuirt neach-labhairt do Roinn Tèarainteachd na Cumhachd agus Net Zero aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheilear a' leudachadh sgeamaichean taice airon cosgaisean cumhachd gu còrr is 6,000,000 teaghlach.